Sealladh air seachdain eile ann an Clas 3N

Matamataig

Chùm sinn oirnn air an t-seachdain seo ag ionnsachadh mu bhloighean.  Bha sinn ag obair ann am buidheannan agus bha ag obair air dùbhlain bho aon chillidh gu ceithir chillidhean – abair gun robh dùbhlan ann an ceithir chillidhean.  Bha sinn ag ionnsachadh bloighean a chur ann an òrdan, bho bheag gu mòr.

A bharrachd air a sin, chruthaich sinn eòin air an dèanamh à bloighean.  Chì sibh feadhainn de na h-eòin dathte againn an seo.

 

 

 

Cuideachd, aig toiseach na seachdaine, chruthaich sinn piotsa le bloighean.  Dh’obraich sinn le companach, chruthaich sinn òrdan le dè a bha sinn ag iarraidh air a’ phiotsa agus an uairsin dhealbhaich sinn e.  Nuair a bha sinn deiseil chuir sinn e ann am bogsa piotsa ceart.  Mòran taing Miss NicAsgaill airson na bogsaichean piotsa fhaighinn dhuinn! Chòrd seo riunn gu mòr!

Litearrrachd

Dimàirt, bha poca inntinneach aig Miss NicAsgaill airson sealltainn dhuinn.  B’ fheudar dhuinne smaoineachadh cò leis a bha a’ bhaga shònraicte?  Am broinn a’ bhaga bha dealbhan de Cheitidh Mòrag, bòtannan mòra salach, caora ‘Lady Godiva’ agus tractor. ‘S ann le Granaidh an Eilean a bha e! Bha sinn gus a bhith ag ionnsachadh mu choltas caractar air an taobh a-staigh agus air an toabh a-muigh.

Smaoinich sinn air na buadhairean seo airson innse mu chotlas agus pearsa Granaidh an Eilein agus sgrìobh sinn foirm iarrtais dha Granaidh, airson obair fhaighinn;

 

còir           spòrsail          falt glas        feargach

ceòlmhor           snog           laghach       taiceil

trang             cuideachail              toilichte               èibhinn