3T

An-diugh rinn sinn measadh air bloighean agus dh’obraich sinn cruaidh. Bha sinn a’ sealltainn gun robh sinn ag èisteachd tro na leasanan a rèir bloighean, a’ dealbhadh diofar chumaidhean agus an uairsin gan bristeadh sìos ann an diofar bhloighean. Bha Miss Rankin ag ràdh cho math ’s a rinn sinn uile agus cho socair ’s a bha sinn tron mheasadh.

Cuideachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn na Lochlannaich. Chruthaich aon de na sgoilearan againn modail 2D agus 3D aig an taigh aice airson àite-tuinidh nan Lochlannach a shealltainn. Sheall i am modail dhan chlas agus bha iad uile a’ smaoineachadh gun robh e “uabhasach math”, “sgoinneil” agus “fiosrachail”.
Rinn sinn farpais-cheist a rèir na Lochlannaich, bha còir againn tomhas a dhèanamh air na freagairtean agus bhuannaich am buidheann leis na sgòran a b’ àirde. Bha cuid sgoillearan a’ smaoineachadh gun robh adharcan air clogaidean nan Lochlannach ach cha robh gin sam bith orra idir!

Tha sinn air a bhith ag obair air urram a’ shealltainn sa chlas a rèir na goireasan againn. Rinn sinn tòrr sgioblachadh timcheall air a’ chlas, gu h-àraidh mun leabharlann, na dèideagan againn agus a’ dèanamh cìnnteach nach robh dad sam bith air an làr. Tha fios againn gu bheil e cudthromach a bhith coimhead as deidh an stuth againn oir tha na rudan sin a’ cosg airgead agus chan eil a h-uile duine cho fortanach ‘s a tha sinne.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *