Luchd Saidheans air Chuairt aig Taobh na Pàirce

Bha Clas 3N agus Clas 3T air leth fortnach madainn an-diugh.  Thàinig muinntir ‘Generation Science’ air chèilidh oirnn airson ‘Bricks and Blocks’ a shealltainn dhuinn.  Bha sinn ag ionnsachadh a bhith a’ còdadh le lego agus le laptop.

Bha sinn a’ toirt air robot lego a bhith na ‘ghòlaidh’. Dh’obraich sinn ann am pàidhir airson toirt air ròbot a bhith a’ faighinn greim air ball.  B’ fheudar dhuinn stiùireadh an ròbot a chur anns an ordan cheart.  Nuair a chuir sinn an stiùireadh dhan òrdan cheart, ghluais an ròbot gu ceart.

’S e madainn sònraichte math a bha againn agus chì sibh dealbhna gu h-ìosal a sheallas dhuibh na bha sinn ris.

Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri Fèill Sàmhraidh na sgoile feasgar an-diugh.  Tha latha grianach ann air a shon!