Tha C7 air a bhith a’ coimhead air diofar seòrsaichean obair a bhios daoine a’ taghadh nan cùrsa beatha.
Bha sinn air leth fortanach gun d’ thàinig Deidre Brock MP a-steach a chèilidh oirnn an-diugh. Dh’innis i dhuinn mun obair a bhitheas i a’ deanamh ann an Lunnainn is dè na sgilean a dh’fheumas tu airson a bhith an sàs ann am poileataigs.
Taing Deidre!