C7 – Latha Ionnsachadh A-Muigh

Chaidh Clas 7 a-mach dhan ghàrradh airson Matamataig air Latha Ionnsachadh A-Muigh.

Dh’ionnsaich sinn ciamar a nì sinn tuairmse agus meudachadh.  Thagh sinn rudeigin bhon raon-cluiche agus rinn sinn tuairmse air dè an fhaid a bh’ ann is an uairsin thomhais sinn iad.  Fhuair an sgioba againne trì tuairmsean ceart!

Bha tòrr spòrs againn.

Le Findlay, Oisin, Eilidh, Varian agus Mata