Cuirm-Chnuic Clas 1 Uaine

Bha feasgar air leth aig Clas 1 Uaine air Diardaoin nuair a bha cuirm-chnuic againn anns an raon-cluich. Bha iomadh seòrsa bìdh ann bho dhùthchannan cèin agus Alba fhèin. Dh’fheuch sinn biadh bho Èirinn, A’ Phòlainn, An Eadailt, Burma, Aimeireaga, An Spàin, Yorkshire agus A’ Chuimhrigh. Bha a’ chlas uile ag ràdh gun do dh’fheuch iad ruidegan ùr a chòrd riutha. Chleachd sinn ar sgilean modh airson suidhe agus ithe aig bòrd gu snog còmhla ri caraidean. Cuideachd, chleachd sinn na dh’ionnsaich sinn le nurs na sgoile airson dèanamh cinnteach gun robh na làmhan againn glan mus do dh’ith sinn.
Mile taing do na pàrantan a thàinig dhan cuirm-chnuic agus a rinn biadh cho blasta dhuinn.