C2F – 31.05.18

Litearrachd

An t-seachainn sa, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ cruthachadh caractairean agus suidheachaidhean airson stòiridh. Nuair a bha sinn deiseil, bha feum againn a dhol mun cuairt agus innse do thrì diofar dhaoine sa chlas mu dheidhinn na sgrìobh sinn. An ath sheachdainn, bidh sinn a’ cleachdadh ar caractairean agus suidheachaidhean airson stòiridh ùr a chruthachadh.

Matamataig

Dh’ionnsaich sinn cànan tomhais-lìonaidh. An uairsin, chaidh sinn a-mach le diofar shoitheachan agus bha sinn a’ tomhais cia mheud cupanan de dh’uisge a bha dol am broinn gach soitheach. Bha tòrr spòrs againn, ach bha sinn beagan fluich cuideachd!

Slàinte agus Sunnd

Dh’obraich sinn còmhla ann am buidhnean airson an cearcall-hùla a ghluasad gun briseadh an cearcall! Thuirt sinn gun robh e doirbh aig an toiseach ach dh’fhàs sinn nas fheàrr ro dheireadh an leasain.