Dè tha sinn ag ionnsachadh an t-seachdain? 25mh den Chèitean

Gu dana ann am fonaigs bha sinn ag ionnsachadh an fhuaim ‘oi’, ‘oy’ agus ‘ea’, cuideachd bha sinn a’ dèananamh faclan mìorbhaileach mar ‘decoy’, ‘turmoil’, ‘void’, ‘exploit’ agus ‘turquoise’.

Gu h-inntinneach ann an ceòl bha sinn a’ cruthachadh seantansan còmhla ris a’ bhuidheann againn. Cuideachd bha sinn a’ cur na seantansan mìorbhaileach ri riutham, an uair sin, chleachd sinn ionnstraimaidean beag bìodach gus ceòl a dhèanamh.

Gu h-iongantach ann am Matamataig rinn sinn co-chothromach, rinn sinn leabharag cuideachd. An uair sin chaidh sinn a-mach dhan raon-cluiche far an do rinn sinn dealbhan mìorbhaileach de rudan co-chothromach ann.

Gu barraichte math, ann am parkour bha sinn ag ionnsachadh ciamar a ni thu ‘swinging’ gu sàbhailte. Mar sin rinn sinn geamanan mar ‘Floor is Lava’ agus ‘Follow the Leader’ airson a dhol tharais air na cnapan-starra.

Gu gaisgeil airson an fhèill-Shamhraidh rinn sinn glacadairean-aisling mìorbhaileach spaideil. A bharrachd air a sin  chuir sinn griogagan is iteagan orra.