Clas 3N – Na tha sinn air a bhith ris!

Tha seachdain air leth trang air a bhith aig Clas 3N mar as àbhaist.  Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu mar a tha sgrìobhadairean a’ cruthachadh stòiridhean; mar a tha iad a’ cruthachadh charactaran, suidheachaidhean agus mar a tha stòiridh a leantainn.  Leugh sinn earrann de stòiridh ùr mu Cheitidh Mòrag air an tràigh agus tha sinn air tòiseachadh air crìoch a chur air.  Abair beachdan inntinneach a tha air nochdadh airson ceum sgeulachd a leantainn le toiseach, meadhan, le duiligheadas agus deireadh le fuasgladh dhan duiligheadas.  Am measg na tha air tachairt anns na stòiridhean, tha faoileagan air nochdadh gus biadh a’ chuirm-chnuic ithe, agus an làn air tighinn a-staigh air muin ghnothaichean!  Tha sinn gus na sgeulachdan a chrìochnachadh an ath sheachdain – ma dh’fhaodte gum bidh cothrom again earann no dhà a sheàradh leibh an seo!

 

Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ri dà thuras sgoile thairis air na seachdainean a tha romhainn – gu Sgoil Pilrig Park airson taisbeanadh sàmhraidh agus gu Fèill Àiteachais Rìoghail na h-Alba ro dheireadh na teirm.  Cothrom air leth!  Bidh blog gu math inntinneach againn an uairsin!