Ann an Clas 1 tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mun diofar eadar beatha sna h-eileanan agus beatha sa bhaile mhòr. Leugh sinn Ceitidh Mòrag, choimhead sinn air dealbhan John Lowrie Morrison agus dh’èist sinn ri sgeulachdan Mrs Cunniffe mu bhith na nighean bheag ann an Leòdhas.
Ann an ceòl dh’ionnsaich sinn na h-òrain, ”S ann an Ìle’ agus ‘Eilean Fraoich’.
Rinn a’ chlas dealbhan brèagha mu na chì thu air eilean is dh’fheuch sinn sgrìobhadh a chur ris. Abair obair mhath a rinn iad uile!
Tha na h-orain rim faighinn an seo:
Eilean Fraoich: https://www.youtube.com/watch?v=TM8RA64cbGs
‘S ann an Ìle: http://www.celticlyricscorner.net/puirt/sann.htm