An-dràsta ‘s e ‘Ceitidh Mòrag, na h-Eileanan is na Bailtean-Mòra’ an cuspair againn.
Mar sin, bha sinn cho fortanach gun d’ thàinig a’ Bhean-Uasal Eglinton a-steach airson bruidhinn rinn mu dheidhinn mar a chaidh a togail ann an Eilean Leòdhais. Fhuair sinn a-mach gun robh clasaichean tòrr nas lugha aca sna h-eileanan. Cha robh ach coignear anns a’ chlas aice!
Sheall i dealbhan dhuinn cuideachd agus bha tòrr rùm is traighean ann airson ruith is cluich. Chòrd e rinn faighinn a-mach gun robh caoraich agus cearcan aig a’ Bhean-Uasal Eglinton agus gum biodh i a’ cuideachadh a pàranatan a’ coimhead as an dèidh. Cha bhi sinne a’ dèanamh sin anns a’ bhaile-mòr!
Anns a’ bhaile-mòr bidh a’ mhòr chuid dhuinn a’ cleachadh teasadairean is dealan airson na taighean againn a chumail blàth, ach ann an Leòdhas b’ fheudar dhan Bhean-Usail Eglinton mòine a chruinneachadh airson an taigh aice a chumail blàth.
Tha tòrr eadar-dhealachaidhean ann eadar eileanan is bailtean-mòra agus chòrd e rinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn mun deidhinn. Mìle taing, a Bhean-Uasal Eglinton!