C5H

Mar as àbhaist Diciadain bha sinn a’ dèanamh spòrs cuideachd, ann an spòrs, bha sinn a’ dèanamh handball mìorbhaileach spòrsail.

An-dè rinn sinn literras is chluich sinn ‘Ròlaist is Fìrinn’ bha feum againn a’ sgrìobhadh seantansan no paragrafan agus a’ cur aon ròlaist ann.  An uair sin bha aig a’ chlas tuairmse a dhèanamh air dè an ròlaist a bh’ ann, mar sin bha sinn ag èisteachd airson fiosrachadh.

Aig àm Spàinntis bhruidhinn sinn ma dheidhinn na riaghltean ann an Spàinntis agus ciamar a bhios a’ bhliadhna seo agus ciamar a bhios C5 math.  Bha sinn ag ionnsachadh mar a bhruidhinn sinn mar deidhinn fhèin agus bha sinn a’ dèanamh ceithir rudan – ar n-ainm, ar n-aois, an dath as fheàrr leinn agus thagh sinn aon rud againn fhìn.

Ann an ealain bha sinn a’ dèanamh uinneagan ‘stain glass’ bha sinn a’ cleachdadh ar ‘fine motor skills’ agus bha sinn a’ measgachadh na dathan gus dathan ùra fhaighinn.

Blaidhna mhath Ùr

Tha sinn uile gu math toilichte tilleadh dhan sgoil àraich an dèidh na soar-làithean againn. Bha na sgoilearan gu math tràng a’cluich a-muigh s’ a ghàrradh an t –seachdain seo. Chaidh buidheann do sgoilearan an fheasgair a-mach gu Pàirc Pilrig airson Sgoil na Coille agus bha torr spòrs aca.

We are all very happy to return to sgoil àraich after the holiday. We are enjoying the mild weather and have good fun playing outside in the garden this week. A group of the afternoon children had great fun at their first Forest Kindergarten session at Pilrig Park.

An t-seachdain seo tha sinn air a bhi ag ionnsachadh mar a bhios sinn a’ coimhead an dèidh bèibhidhean beag agus bha tòrr spòrs againn a’ coimhead an dèidh na doilichean ‘ s ann sgoil àraich.

This week the children have enjoyed looking after the dolls at sgoil àraich and we have been learning about how to care for babies.

C3N – Seachdain a’ toiseachadh 09.01.19

Bliadhna Mhath Ùr!

Cànan

Tha sinn air a bhith gu math trang sa chiad seachdain airais san sgoil.  Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn na h-amasan a tha sinn ag iarraidh adhartach am bliadhna agus sgrìobh sinn na h-amasan againn fhìn.  Seo feadhainn de na beachdan againn:”A’ cluich le caraidean ùra, A’ cluich an duiseal, A’ deanamh na soithichean còmhla ri na pàrantan agam, Ag ionnsachadh giotàr dealain, Ag èisteachd ri na tidsearan, A’ cluich guitar,A’ cocaireachd”

Pròiseact

Bha sinn a’ planadh am pròiseact ùr againn air biadh an t-seachdain seo.

Chruthaich sinn postairean mu dheidhinn am biadh as fheàrr leinn cuideachd.

Sinne a’ leughadh a-mach an liosta a chruthaich sinn.

Clas 3F – 11.01.19

Chluich sinn geama far an robh feum againn innse dà fhìrinn agus aon bhreug mu dheidhinn na thachair sna saor-làithean againn. Abair gun robh e spòrsail!

Ionnsaich sinn dè bh’ ann an Amas na Bliadhna Uire agus chruthaich sinn na feadhainn againn fhèin.

Cuideachd, chruthaich sinn liosta a bha a’ sealltainn na rudan a bha sinn ag iarraidh fhaicinn nas trice am bliadhna, agus na rudan nach robh sinn ag iarraidh fhaicinn.

Thòisich sinn pròiseact ùr –Biadh. An toiseach, bhruidhinn sinn mu dheidhinn na rudan air an robh fios againn mar tha agus na rudan a bha sinn ag iarraidh ionnsachadh sa phròiseact. An uair sin, chruthaich sinn postairean a bha a’ sealltainn am biadh as fheàrr leinn.

mapa-inntinn

Mu dheireadh, dh’ obraich sinn còmhla airson an tidsear a chuideachadh le bhith ag atharrachadh na bùird. Chruthaich sinn plana bho sealladh na h-eòin a bha sealltainn far an robh sinne ag iarraidh na bùird.

Bliadhna Mhath Ùr

We have enjoyed our first week back at school!

Interestingly, we started a maths calendar. They are great because they have all different kinds of maths, a different question each day for January! A few people also tried a very challenging maths sheet with Dr Jones,it was a maths newspaper with word problems. This website produce a new newspaper for maths each week: ‘Rigour Maths’.

https://www.cdmasterworks.co.uk/the-daily-rigour/

One of our friends also taught us a very handy way of multiplying large numbers using a grid. Lastly, we practised using the written method for adding and subtracting large numbers.

This week, we found out we are doing a topic about Edinburgh Castle and to start, we did a tricky Gaelic Quiz about the history of Edinburgh Castle. Next week, visitors are coming in to help us to start our project.

Hanukkah ‘ s ann sgoil àraich .

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Hanukkah anns an sgoil àraich. Fhuair sinn a-mach mu dheidhinn na diofar rudan a bhios daoine Iùdhach a dhèanamh airson Hanukkah a chomharrachadh. Rinn a’ Bh-uas Givan latkes buntàta dhuinn airson ithe – abair gu robh iad blàsta!

At sgoil àraich we have been learning all about the Jewish festivalHanukkah. We found out about the different things Jewish people do to celebrateHanukkah. Mrs. Givan made us some potato latkes for snack and they were very tasty!

Ag ionnsachadh mu dheidhinn An Dànmhairg & Alba ’ s ann sgoil àraich.

An Dànmhairg

An t-seachdain seo ‘ s ann sgoil àraich bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cò ris a tha e coltach a bhi  a’ fuireach anns An Dànmhairg.

Bha sinn gu math fòrtanach gun dh’ thainig mamaidh Emmelie a-steach dhan sgoil àraich airson innse dhuinn mu dheidhinn An Dànmhairg. Dh’feuch sinn biadh blàsta a’ rinn i, chuala sinn ceòl as An Dànmhairg agus chunnaic sinn an taigh àlainn a thug i a-steach airson sealltainn dhuinn . Chòrd e rinn gu mòr.

 

Tòrr fiosrachadh inntinneach

Abair biadh blàsta

 

This week at sgoil àraich we have been learning all about Denmark. We were very fortunate that Emmelie’s mum kindly agreed to come in all tell us all about what it is like to live in Denmark. She brought in lots of lovely props and we loved tasting the tasty, Danish food she made for us to try. We listened to some Danish music and really enjoyed looking at the model house she brought in.

Alba

Bha sinn cuideachd ag ionnsachadh mu dheidhinn Latha Naobh Anndra. Bha sinn ag ionnsachadh mu cùltar agus  nòsach na h- Alba.

Bha tòrr spòrs againn a’ dèanamh brataich Albannach, dannsa Gàidhealach agus ag èisteachd ri stoiridh ann an Albais. Bha sinn cuideachd ag ithe diofar   bhiadh Albannach mar brochan, aran coirce  agus taigeis gach latha.

Abair spòrs a bh’ againn a’ dèanamh dannsa cèilidh

Latha Naobh Anndra

We have also been celebrating St Andrew’s Day. We were learning about Scottish customs and enjoyed making  Scottish flags and doing some cèilidh dancing and highland dancing. We also heard a story in Scots and enjoyed tasting different Scottish foods such as porridge, oatcakes and haggis for snack.

Hopscotch

Air a ‘chiad latha air ais dh’ionnsaich C1 a bhith a’ dèanamh agus a ‘cluich hopscotch le na caraidean C7 aca. Bha iad ag obair air tòrr sgilean eadar-dhealaichte; sgrìobhadh àireamhan, ag obair còmhla mar sgioba, a ‘leantainn riaghailtean geama agus a’ leum air aon chas.  Bha cuid de bhuidhnean eadhon comasach air hopscotch a chruthachadh suas gu 40!