C5H

Mar as àbhaist Diciadain bha sinn a’ dèanamh spòrs. Ann an spòrs, bha sinn a’ dèanamh handball mìorbhaileach spòrsail.

An-dè rinn sinn litreachas is chluich sinn ‘Ròlaist is Fìrinn’. Dh’feumadh sinn sgrìobhadh seantansan no paragrafan agus aon ròlaist a chur ann.  An uair sin bha aig a’ chlas tuairmse a dhèanamh air dè an ròlaist a bh’ ann, mar sin bha sinn ag èisteachd airson fiosrachaidh.

Aig àm Spàinntis bhruidhinn sinn mu dheidhinn na riaghltean ann an Spàinntis, ciamar a bhios a’ bhliadhna seo agus dè mar a bhios C5 math.  Bha sinn ag ionnsachadh mar a bhruidhinneas sinn mur deidhinn fhèin agus dh’ionnsaich sinn innse ceithir rudan – ar n-ainm, ar n-aois, an dath as fheàrr leinn agus thagh sinn aon  pìos fiosrachaidh eile airson innse sinn fhèin .

Ann an ealain bha rinn sinn uinneagan glainne dhathte. Chleachd sinn ar sgillean motar foidhne agus bha sinn a’ measgachadh na dathan gus dathan ùra fhaighinn.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *