Clas 3F – 11.01.19

Chluich sinn geama far an robh feum againn innse dà fhìrinn agus aon bhreug mu dheidhinn na thachair sna saor-làithean againn. Abair gun robh e spòrsail!

Ionnsaich sinn dè bh’ ann an Amas na Bliadhna Uire agus chruthaich sinn na feadhainn againn fhèin.

Cuideachd, chruthaich sinn liosta a bha a’ sealltainn na rudan a bha sinn ag iarraidh fhaicinn nas trice am bliadhna, agus na rudan nach robh sinn ag iarraidh fhaicinn.

Thòisich sinn pròiseact ùr –Biadh. An toiseach, bhruidhinn sinn mu dheidhinn na rudan air an robh fios againn mar tha agus na rudan a bha sinn ag iarraidh ionnsachadh sa phròiseact. An uair sin, chruthaich sinn postairean a bha a’ sealltainn am biadh as fheàrr leinn.

mapa-inntinn

Mu dheireadh, dh’ obraich sinn còmhla airson an tidsear a chuideachadh le bhith ag atharrachadh na bùird. Chruthaich sinn plana bho sealladh na h-eòin a bha sealltainn far an robh sinne ag iarraidh na bùird.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *