‘An Tuathanas’ Pròiseact Ùr Clas 1

Tha pròiseact ùr again ann an Clas 1.  Tha sinn ag ionnsachadh mun tuathanas.  Rinn sinn plana mu na rudan a tha sinn ag iarraidh ionnsachadh.  Bu toil leinn ionnsachadh mu dheidhinn leanabhan bheathaichean, mar a bhios lusan a’ fàs, an aobhair a nì cù chaora agus mar a bhios tuathanaich a’ gabhail cùram do na beathaichean.  Cuideachd bidh sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn a bhiadh a bhios a’ fàs air tuathanas, gu sònraichte feòil, glasraich agus bainne.  Aig deireadh na mios thèid sinn gu Tuathanas Gorgie.  Abair splaoid a bhios againn!

Soidhnichean

Tha Clas 1 G ag ionnsachadh mu shoidhnichean; dè feum a th’ orra agus càite bheil iad rin lorg.  Chaidh sinn air chuairt a shiorradh shoidhnichean anns an sgoil.  Abair gun do lorg sinn tòrr dhaibh!  Rinn sinn na soidhnichean againn fhèin cuideachd, airson rabhadh a thoirt dhan Luchag Bheag air an rathad cam lùbach (sgeulachd air a bheil sinn ag obair an-dràsta).

C3N Seachdain a’ tòiseachadh 18.02.19

Cànan

Bha sinn ag ionnsachadh ri bhith a’ co-mheasgachadh an litir ‘s’ le litrichean eile. Chruthaich sinn diofar fuaimean le ‘sm’, ‘sn’, ‘sp’, ‘st’ is ‘sl’.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn litrichean làidir is litrichean lag.

Chluich sinn geamanan faclan cumanta cuideachd.

Pròiseact

An t-seachdain seo ann am pròiseact chruthaich sinn piotsa fallain. Dh’ionnsaich sinn ciamar a bhitheas sinn a’ gearradh glasraich is chuir sinn na glasraich againn fhìn air am piotsa.

An uairsin chruthaich sinn stiùireadh airson daoine eile ri leanntainn ma bha iad ag iarraidh piotsa chruthachadh .  Abair gun robh iad blasta!

 

Matamataig

Dh’ionnsaich sinn ri bhith a thoir air falbh ann an dòigh ùr.

Ann an leasain airgead bha sinn ag obrachadh a-mach dè iomlaid a dh’fheumadh sinn bho suim shònraichte.

Ealain

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na daoine Tùsanach.  Chruthaich sinn na dearc-luachrach againn fhìn a-mach à stòiridh Tùsanach.

Ceòl

Bha sinn a cruthachadh ruitheam a-mach à ta is te-te.

Cuideachd bha sinn ag ionnsachadh am fuaim ‘socair’ (z)

______________________________________________________________________

Sin agaibh e airson an t-seachdain seo!  Gabh fois C3N – chi sinn sibh madainn Diluain. 🙂

 

Clas 6L- Matamataig, Ealain agus Slàinte is Sunnd

An t-seachdain sa bha sinne ag ionnsachadh;

  • mu dheidhinn na cumaidhean 2 sh
  • togalach alainn ann an duthaich fada air falbh

agus

  • ag obair còmhla mar sgioba !

ACH

Dè an togalach a th’ ann? Seo beagan fiosrachaidh.

Chì thu  an togalach seo ann an cearnag àinmeil.  ’S e an t-ainm a bha air an àite seo bho chionn fhada  ‘Cearnag Alainn’.  Nuairsin bha teine ann agus airson ùine mhòr ‘s e an t-ainm a bh’ air  “An Àite Loisgte”.  ‘S e An Cearnag Alainn a tha air a-nis ACH   bidh daoine ag radh “An Cearnag Dearg” . 

Tha an togalach alainn a bha sinne ag ionnsachadh mu dheidhinn, anns a’ chearnag seo.    

Dè an togalach a th’ ann?

ABAIR SEACHDAIN NEÒNACH! – Clas 6T

Abair gu bheil seachdain àraid air a bhith againn ann an clas 6T, ‘s sinne air a chosg anns an Seòmar Choimpiutairean!

Ann an litearrachd, fhuair sinn cothrom faclair air-loidhne a chleachdadh nar measadh-sgrìobhaidh agus cuideachd, rinn sinn obair a bharrachd air sgilean I.C.T. còmhla ri Mgr. Vitry.

Bu chòir sgoilearan clas 6T a bhith gu math pròiseil an t-seachdain sa air sgàth agus gun do rinn iad uile a’ chùis air aithisg fiosrachail cuspair a sgrìobhadh gu neo-eisimileach air an diofar eadar beachd agus fìrinn!  Chòrd gach aithisg rium gu mòr fhad ’s a bha mi gan ceartachadh agus abair gun robh an t-uamhas fiosrachadh nam broinn – ‘s math a rinn sibh!

Targaidean: An t-seachdain sa, chaidh leabhrac de na targaidean aig gach leanabh dhachaigh nan baga.  Dèan cinnteach na targaidean seo a leasachadh aig an taigh.  Tha e uamhasach cudromach gu bheil càirdeas ionnsachaidh ann eadar an taigh agus an sgoil airson soirbheachas a chlann a chomharrachadh!

C5s Bundle of Learning!

Castle Project

This week, when the visitors from the castle came, they brought a big pile of costumes! We were given our costumes and practised our lines, we have a lot of work to do!  We are making a film about Mary Queen of Scots and both classes have 3 scenes. This weekend, we all need to practise our lines and the songs becasue we are filming it on Tuesday 26th of February, next week!

Swimming

The first group in C5C went to swimming this week and thought it was very fun! They did lengths of the pool in different strokes. We also did treading water and floating.

Co-ordinates

In maths this week, we were learning about co-ordinates and we found out that the x axis and the y axis don’t stop at zero! They continue into negative numbers and there are four quadrants. This means that co-ordinates can have negative numbers in them. The important thing to always always remember is to go ‘along the corridor (x axis) and up the stairs (y axis)’. We know that co-ordinates are used for Sat Nav and on maps.

The co-ordinates on our sheets made different pictures, we also made challenges for our friends and played battle ships.

 

Ar Geasan Droidheachd

Tha sinn air a bhith gu math trang a’ deanamh geasan draoidheil an t-seachdain seo! Lorg sinn na stuthan sonraichte againn anns an raon-cluiche airson ar geasan a dheanamh. Abair ‘concoctions’ miorbhaileach!

Cò aig a tha fios de nì iad!? 

Turas agus Partaidh aig Clas 2G

Chaidh sinn air turas don teampall Sikh- an Gurdwara. Dh’ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn na rudan a tha iad a’ creidsinn.

Aig cruinneachadh, bha cuid a’ dol suas air an àrd-ùrlar airson bruidhinn mu dheidhinn na dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn mhearachdan. 

Fhuair sinn uile gu buidhe, airson a bhith a suidhe snog, ag èisteachd agus a bhith modhail.

Bha partaidh againn as deidh àm cluiche airson lìonadh am pom pom jar. Chur sinn còmhdach-siùcair air cèicean. ‘S math a rinn sinn!

Turas Clas

An t-seachdain seo chaidh sinn chun Museum of Childhood. Sheall sinn ris na diofar dhèideagan a bha air an cleachdadh sam àm a dh’fhalbh. Bha sinn a’ chluich anns an taigh-tasgaidh cuideachd. Bha e gu math spòrsail!

Blaidhna ùr Sìneach

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na bhios a’ tachairt ann an Sìona aig an àm seo dhan bhliadhna airson comharrachadh Blaidhna ùr Sìneach. Seall air na rudan spòrsail a bha sinn a’ dèanamh.

This week we were learning all about what happens in China at this time of year to celebrate Chinese New Year. Have a look at all the fun activities we have been doing!