Na ‘McCoos’

‘S iad na ‘McCoos’ an ionnsachadh as motha a tha air còrdadh riunn air an t-seachdain seo ann an Clas 4B.

Tha sinn ag ionnsachadh mu diofar stoidhlichean ealain luchd-ealain Albannach. Tha sinn air a bhith a’ coimhead air obair Steven Brown.  Chòrd na dealbhan aige de ‘McCoos’ riunn gu mòr oir bha dathan soilleir agus làidir annta. Bhruidhinn sinn ann an dithisean mun cuairt orra agus an uairsin fhuair sinn cothrom na McCoos againn fhìn a dhealbhachadh agus ainm a thoirt dhaibh.  ’S e seo rud a thug oirnn a bhith a’ gàireachdainn gu mòr – na h-ainmean èibhinn a dh’fhaodadh a bhith aca agus na h-àiteannan inntinneach far am faodadh iad a bhith! Chan eil na McCoos air fad builleach ullamh fhathast ach tha ‘sneak peak’ againn dhuibh an seo.  Feuch an tomhais sibh dè na h-ainmean a tha orra?

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *