ABAIR SEACHDAIN NEÒNACH! – Clas 6T

Abair gu bheil seachdain àraid air a bhith againn ann an clas 6T, ‘s sinne air a chosg anns an Seòmar Choimpiutairean!

Ann an litearrachd, fhuair sinn cothrom faclair air-loidhne a chleachdadh nar measadh-sgrìobhaidh agus cuideachd, rinn sinn obair a bharrachd air sgilean I.C.T. còmhla ri Mgr. Vitry.

Bu chòir sgoilearan clas 6T a bhith gu math pròiseil an t-seachdain sa air sgàth agus gun do rinn iad uile a’ chùis air aithisg fiosrachail cuspair a sgrìobhadh gu neo-eisimileach air an diofar eadar beachd agus fìrinn!  Chòrd gach aithisg rium gu mòr fhad ’s a bha mi gan ceartachadh agus abair gun robh an t-uamhas fiosrachadh nam broinn – ‘s math a rinn sibh!

Targaidean: An t-seachdain sa, chaidh leabhrac de na targaidean aig gach leanabh dhachaigh nan baga.  Dèan cinnteach na targaidean seo a leasachadh aig an taigh.  Tha e uamhasach cudromach gu bheil càirdeas ionnsachaidh ann eadar an taigh agus an sgoil airson soirbheachas a chlann a chomharrachadh!