Tha pròiseact ùr again ann an Clas 1. Tha sinn ag ionnsachadh mun tuathanas. Rinn sinn plana mu na rudan a tha sinn ag iarraidh ionnsachadh. Bu toil leinn ionnsachadh mu dheidhinn leanabhan bheathaichean, mar a bhios lusan a’ fàs, an aobhair a nì cù chaora agus mar a bhios tuathanaich a’ gabhail cùram do na beathaichean. Cuideachd bidh sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn a bhiadh a bhios a’ fàs air tuathanas, gu sònraichte feòil, glasraich agus bainne. Aig deireadh na mios thèid sinn gu Tuathanas Gorgie. Abair splaoid a bhios againn!