Latha Raibeart Burns

Anns An Fhaoilleach bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Alba. Bha sinn a’ comharrachadh co-là breith Raibeart Burns, bàrd ainmeil na h-Alba.

Rinn sinn obair ealain breagha le tartain agus rinn sinn taigeis, sneap agus buntàta airson ithe. Bha Mgr. Weir a’ cluich na pìoba dhuinn, bha tòrr mòr spòrs againn a’ dannsa ri ceòl a’ phìob mhòr.

Ag ionnsachadh mu dheidhinn Raibeart Burns
A’ dèanamh dealbhan Albannach

In January we were learning all about Scotland. We also celebrated the birthday of Robert Burns, a very famous Scottish poet. We also learnt the poem ‘Oh my Love is like a Red, Red,Rose’.

We produced some beautiful art work using tartan and also prepared haggis, neeps and tatties for snack. Mgr. Weir played the bagpipes for us and we had great fun dancing along while he played.

Ag Ithe sa Choille.

Tha tòrr spòrs againn gach seachdain aig Sgoil na Coille. Bidh Liam a’ dèanamh teine dhuinn agus tha sin gar cumail blàth. Tha an teine cuideachd fìor mhath oir tha sinn dha chleachdadh airson a bhith ag ullachadh greim-bìdh blàsta mar popcorn no fiù ‘s marshmallows!

We have fantastic fun learning outdoors each week at Forest Kindergarten. Liam lights a fire for us, which is great for keeping us warm. The fire is also great as we use it to prepare nice snacks such as pop corn and sometimes we even get marsh mallows too!

Ukulele

Chòrd an leasan ukulele gu mòr ruinn. Dh’ionnsaich sinn tòrr notaichean ùra agus dh’ionnsaich sinn an t-òran ‘Baby Shark’ sa Ghàidhlig! Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag ionnsachadh barrachd notaichean an ath-sheachdain.

3F – 01.02.19

Abair seachdain thrang! Dh’aontaich sinn uile gun robh sinn a’ faireachdainn sgìth an-diugh!

Ann am matamataig, thòisich sinn air ‘Dùbhlan nan Clàran Uiread’. An t-seachdain seo, thòisich sinn ag obair air na clàran 2, 5 agus 10. Mas urrainn dhuinn ceistean measgaichte a fhreagairt gu luath, gheibh sinn inbhe mar ‘Neach-eòlaiche nan Clàr’ agus bidh an tidsear a’ sgrìobhadh ar n-ainm air an àireamh. Tha tòrr spòrs air a bhith le seo is tha sinn air tòrr ath-sgrùdadh a dhèanamh.

Ann an cànan, rinn sinn tòrr ath-obarach air na fuaimean a dh’ionnsaich sinn an teirm seo. Le sin, chruthaich sinn ‘Gàrradh nam Fuaimean’ air a’ bhalla airson na fuaimean air a bheil sinn eòlach air a leughadh a chumail nar cuimhne!

Cuideachd, sgrìobh sinn bàrdachd a’ cleachdadh na Còig Mhothachaidhean, mar eisimpleir, sgrìobh cuideigin:
“Tha Mamaidh a’ faireachdainn bog
Tha Mamaidh a’ coimhead brèagha
Tha am fàileadh aig Mamaidh mar flùr
Tha am fuaim aig Mamaidh mar na h-eòin a’ seinn
Tha blas aig Mamaidh gu math milis”

Mu dheireadh, dh’fhosgail sinn Bùth Bìdh oir tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn airgid agus biadh. Tha tòrr spòrs air a bhith againn an seo!

 

C3N Seachdain a’ toiseachadh 28.01.19

Cànan

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh na fuaimean ‘sl, gr, pl is sr’ an t-seachdain seo.  Chuidich sinn a chèile le bhith a’ feuchainn ri faclan a tha a’ tòiseachadh le na fuaimean sin a litreachadh.  Abair spòrs!

Ceòl

Tha sinn gu math fortanach gu bheil Jackie bho NYCOS a’ tighinn a-steach is a’ toirt dhuinn leasain air ruitheam is pids.  An t-seachdain seo dh’ionnsaich sinn ri bhith a’ cumail ruitheam.

Pròiseact

Tha sinn air a bhith a’ coimhead air biadh ann am pròiseact is an t-seachdain seo choimhead sinn air leubailean a bhitheas air biadh is bhruidhinn sinn air carson a dh’fheumas sinn a bhith a’ coimhead air leubailean.  Dh’ionnsaich sinn ciamar a lorgas sinn meàth, geir shùighte is salainn air leubailean bìdh.