An t-seachdainn seo dh’ionnsaich sinn mu rudan a bhios a’ fleodradh neo a’ dol fodha ann an uisge. Rinn sinn rannsachadh airson seo le iomadh rud. Chleachd sinn am fiosrachadh seo airson ar bàtaichean fhèin a dhèanamh.



An t-seachdainn seo dh’ionnsaich sinn mu rudan a bhios a’ fleodradh neo a’ dol fodha ann an uisge. Rinn sinn rannsachadh airson seo le iomadh rud. Chleachd sinn am fiosrachadh seo airson ar bàtaichean fhèin a dhèanamh.
An t-seachdain seo ann am matamataig, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith a’ leughadh gleog le Dr Jones. Cuideachd, bha sinn a’ cunntadh ann an 5an agus dh’fhàs sinn nas luaithe air a bhith a’ cur-ris gu 10. Seall na geamanan a rinn sinn!
Bhruidhinn sinn mu dheidhinn uair a rinn sinn mearachd- tha sinn uile air mearachdan a dhèanamh agus tha sin OK! Bhruidhinn sinn mu dheidhinn dè is urrainn dhuinn ionnsachadh bho na mearachdan againn agus ‘s docha an cleachdadh gus rudeigin mìorbhaileach a dhèanamh! Choimhead sinn bhideo mu dheidhinn an leabhar ‘Beautiful Oops’.
Rinn sinn bùrach mòr le peant, agus bha tòrr spòrs againn! An uair sin, chruthaich sinn rudeigin mìorbhaileach! Seall dè rinn sinn.
Mu dheireadh, thagh sinn uile pìos obarach a bha sinn moiteil às agus chuir sinn suas air a’ bhalla iad- balla ‘Ar Sàr Obair’. Tha sinn air tòrr obair sgoinneil a dhèanamh, mar sin bha e doirbh taghadh!
An t-seachdain seo, dh’obraich sinn còmhla mar chlas airson postairean a chruthachadh airson ar balla ionnsachaidh àireamhachd agus matamataig. Tha na postairean ag innse dhuinn iantraighean sìmplidh ri leantail airson bloighen anabharr, bloighean co-ionnan agus àireamhan measgaichte a dhèanamh. Tha seo dol gar cuideachadh uair sam bith nach eil sinn a’ cuimhneachadh na tha againn ri dhèanamh.
Bha cothrom aig gach sgoilear eisimpleir a dhèanamh air a’ bòrd-sgairteil agus an uair sin, sheall sinn ar tuigs’ nar freagairtean duilleag-obrach agus leabhar-teacs.
Chòrd e ri na sgoilearan glan a bhith nan tidsearan matamataig agus ghabh a h-uile duine pàirt aig ìre àrd, a’ sealltainn deagh urram agus modh ri chèile.
Chùm sinn oirnn le roinn. Tha sinn fhathast ag obair air a seo- tha e fhathast rud beag doirbh.
Rinn sinn dràma mu dheidhinn riarachadh. Chuidich C4 sinn.
Rinn sinn sgrìobhadh leinn fhìn airson a’ chiad uair. Seall na sgeulachdan sgoinneil againn. Bha sinn gu math moiteil às an obair a rinn sinn.
Ann an spòrs an-dràsta, tha sinn ag ionnsachadh mar a ‘s urrainn dhuinn leasan spòrs a phlanadh agus a leantainn leinn fhèin. Bheiridh seo dhuinn cothrom ar sgilean èisteachd, urram, fèin-neart agus stiùireadh a leasachadh.
Leis a sin, tha sinn air leasanan spòrsail a chruthachadh ann am buidhnean agus gach seachdainn, tha sinn a’ dol a feuchainn ri gach leasan a dhèanamh – ach bidh na sgoilearan nan tidsearan!
An-diugh, b’ e leasan ‘bench-ball’ a bh’ againn. Rinn na tidsearan (sgoilearan) againn deagh obair leis gun robh a’ gheàma sgil aca (‘piggy in the middle’) co-cheangailte ri amas an leasan – sadail, glachdadh agus a’ cur stad air am bàla.
Thuirt na tidsearan (sgoilearan) gun robh e doirbh smachd a chumail air an clas, a’ toirt air an clas a bhith sàmhach agus sgiobanan a chruthachadh ann an dòigh co-ionnan (fàilte gu beatha tidseir!!)
An-diugh, bha sinn gu math fortanach air sgàth ’s gun tàinig màthair Esme a-steach a bhruidhinn riunn mu dheidhinn cudromas ar àirne agus mar is urrainn dhuinn sùil a chumail air fallaineachd ar òrganan.
Cuideachd, bhruidhinn sinn mu dheidhinn tabhartas bhall-bodhaig agus dh’fhaighnich sgoilearan clas 6 TÒRR cheistean inntinneach dhith – a’ sealltainn deagh thuigse air a’ chuspair, ‘Am Bodhaig’ – ‘s iad ag iarraidh an ionnsachadh aca a leasachadh!
Mòran taing a-rithist, Orla – abair deagh mhadainn a bh’ againn leat!
Tha sinn air a bhith trang ag obair air fuaimean ùra. Dh’ionnsaich sinn ciamar a tha thu ag ainmeachadh agus a sgrìobhadh c, o, a, à, ò (cruinn), ò (fàda) agus d. Ma tha sibh ag iarraidh taic le fuaimean, tha an làrach-lìn seo feumail:
http://ceres.napier.ac.uk/staff/alistair/gaelicparenthelp/ff_aim.html
‘S iad na ‘McCoos’ an ionnsachadh as motha a tha air còrdadh riunn air an t-seachdain seo ann an Clas 4B.
Tha sinn ag ionnsachadh mu diofar stoidhlichean ealain luchd-ealain Albannach. Tha sinn air a bhith a’ coimhead air obair Steven Brown. Chòrd na dealbhan aige de ‘McCoos’ riunn gu mòr oir bha dathan soilleir agus làidir annta. Bhruidhinn sinn ann an dithisean mun cuairt orra agus an uairsin fhuair sinn cothrom na McCoos againn fhìn a dhealbhachadh agus ainm a thoirt dhaibh. ’S e seo rud a thug oirnn a bhith a’ gàireachdainn gu mòr – na h-ainmean èibhinn a dh’fhaodadh a bhith aca agus na h-àiteannan inntinneach far am faodadh iad a bhith! Chan eil na McCoos air fad builleach ullamh fhathast ach tha ‘sneak peak’ againn dhuibh an seo. Feuch an tomhais sibh dè na h-ainmean a tha orra?
An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn dealan, agus mar a chleachdas sinn e. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn dè tha sàbhailte agus dè nach eil nuair a tha sinn ga chleachdadh.
Fhad ‘s a tha sinn a’ cluich, tha sinn a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh mu dheidhinn diofar uidheamachd agus mar a tha iad ag obair. Tha sinn air a bhith a’ cluich le bùird-cuairteachaidh, agus tha seo gu math spòrsail!