Seachdain a’ toiseachadh 28.03.19

Cànan

Tha sinn air a bhith a’ coimhead air ciamar a bhitheas sinn a’ lorg faclan anns am faclair an t-seachdain seo.  Choimhead sinn air faclan a bha uile a’ toiseachadh le an aon litir mar eisimpleir:   ithe, isbeanan, isean is iteagan  an uairsin chuir sinn iad ann an òrdugh.  Abair spòrs!

Dh’ionnsaich sinn cuideachd ciamar a bhitheas sinn a’ cruthachadh aithisg sìmplidh.  Chruthaidh sinn ar aithisgean againn fhìn air cearcan!

Ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu na fuaimean

id, il, in, ir, is, it

Matamataig

Tha sinn air a bhith gu math trang ann am matamataig is tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn roinneadh.  Choimhead sinn air roinneadh 4 is 5.  An ath sheachdain coimheadidh sinn air 6 is 7.

Pròiseact

Dh’ionnsaich sinn mu moiseach Ròmanaich an t-seachdain seo is thòisich sinn ri bhith a’ cruthachadh na maoisiche againn fhìn.

Notaichean

An t-seachdain seo bha sinn gu math trang ag ionnsachadh mar a nì thu notaichean air na ipads. Chleachd sinn na notaichean againn gus postairean a dhèanamh mun bheathach as fheàrr leinn. Seall de cho cruaidh sa tha sinn ag obair!

Cearcall-Uisge

An t-seachdain bha sinn a’ dèanamh bileagan-fiosrachaidh ann am buidheanan ma dheidhinn a’ Chearcall-Uisge; a’ chuspair againn.  Chruthaich sinn iad le feartan leabhraichean fiosrachaidh mar fo-thiotalan, stiùireadh, diagraman is faclairean.  Bha sin spòrsail oir tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ma dheidhinn teann-stuth, lionn agus gas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig.

Continue reading “Cearcall-Uisge”

Budgets and Science!

In maths this week we finished our assessments to see how we were doing with rounding and estimating. We were feeling very confident! Now we are going to try to use rounding and estimating all the time to make sure we have reasonable answers. Then we started a new maths topic about managing money and how to think about a budget. We made up characters and thought about how they would spend the money they earned in real life. We were really surprised that what we thought was a lot of money, wasn’t actually that much when you have to pay for all of the essentials for example, bills and tax. 

In science this week we were learning about materials that were soluble, insoluble and how to make a solution. We also learned about density and how different liquids have different densities.

We were learning about separating materials using different methods, for example, magnetism, filtering, sieving and decanting. We also learned that you could separate a solution by heating it, for example if you boiled salty water, the water will evaporate and leave the salt behind.

 

EPSSA Cross Country – Clas 6L/T

On Monday the 25th of March, 12 excited children travelled to Duddingston to compete in the EPSSA Cross Country Championships with Miss Mactaggart and George Lupton, alongside other parent helpers at the event.

The girls managed to finish the race in 8th, 36th, 69th, 98th and 102nd position, out of 250 children – resulting in a top 10 finisher medal for the girls.  The boys also raced hard and finished 11th, 125th, 169th, 186th and 187th, meaning the boys only narrowly missed out on also being awarded a top 10 finisher medal.

These results are fantastic and both the children and their coaches, Mr Vitry and George Lupton should be commended for their hard training efforts.  All children conducted themselves well and showed respect to other people, both at the event and on the public transport both there and back.  Well done! Here’s to the next race…!

Iomagainean is Ro-innleachdan – Clas 6T

 

An t-seachdain sa, bhruidhinn sinn mu dheidhinn iomagainean pearsanta agus dhèilig sinn riutha le bhith a smaointinn air ro-innleachdan feumail.

Bha cothrom againn ìre pàrnalaich a sgrìobhadh airson measgachadh de suidheachadhan gus am faiceadh gach sgoilear nar clas gun robh a h-uile duine a’ fàs rud beag iomagaineach air diofar àmanan.

Mar sin, dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn ro-innleachdan eadar-dhealaichte bho chèile agus chruthaich sinn postairean soilleir airson ar teachdaireachd a chonaltradh le càdh.

Nach iad a bha soirbheachail?

Sgoil sa Choille

An t-sèachdain seo chaidh sinn don Sgoil sa Choille. Rinn sinn pàtaran a’ cleachdadh dhuilleagan gus làrach a dhèanamh, chleachd sinn an hammock agus  bha sinn a’ sreap chraobhan . Bha e gu math spòrsail! 

3F – 22.03.19

An t-seachdainn seo, bha sinn ag ionnsachadh mu dhèidhinn sgilean-sgioba agus dh’obraich sinn còmhla airson denaichean a chruthachadh le chèile.

An tòiseach, bha sinn a’ beachdachadh air an coltas a dh’fhaodadh a bhith air na denaichean againn. Cuideachd, chuir sinn ainm air na buidhnean againn.

Mus deach sinn a-mach, bhruidhinn sinn mu dhèidhinn na rudan a dh’fhaodadh a dhol ceàrr, agus mar a ‘s urrainn dhuinn dèiligeadh riutha.

An uair sin, chaidh sinn a-mach airson na denaichean a chruthachadh. Abair gun robh spòrs againn! Bha A’ Bh-Uas NicFheargais gu math pròiseil air cho math ‘s a dh’obraich sinn còmhla.

Image

Image

Image

Image

Image

Là Naobh Phàdraig

An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Èirinn agus bha sinn cuideachd a’ comharrachadh Là Naobh Phàdraig. Bha sinn gu math fortanach gun tainig dithis dhan na mamaidhean Èireannach againn a-steach dhan Sgoil Àraich. Bha iad ag innse dhuinn mu dheidhinn Èirinn agus a’ leughadh stòiridhean Èireannach dhuinn. Abair spòrs!

 

This week at Sgoil Àraich we have been learning about Ireland and we have also been celebrating St. Patrick’s Day. We were very fortunate that two of our Irish Mums came in to nursery to tell us all about Ireland and to read us some Irish stories.

Dràma!

Bha tòrr spòrs againn ann an dràma an-diugh le Mrs Conroy- abair deagh thòiseach ris an t-seachdain! Dh’fheuch sinn a bhith mar sgàthanan.