3F – 22.03.19

An t-seachdainn seo, bha sinn ag ionnsachadh mu dhèidhinn sgilean-sgioba agus dh’obraich sinn còmhla airson denaichean a chruthachadh le chèile.

An tòiseach, bha sinn a’ beachdachadh air an coltas a dh’fhaodadh a bhith air na denaichean againn. Cuideachd, chuir sinn ainm air na buidhnean againn.

Mus deach sinn a-mach, bhruidhinn sinn mu dhèidhinn na rudan a dh’fhaodadh a dhol ceàrr, agus mar a ‘s urrainn dhuinn dèiligeadh riutha.

An uair sin, chaidh sinn a-mach airson na denaichean a chruthachadh. Abair gun robh spòrs againn! Bha A’ Bh-Uas NicFheargais gu math pròiseil air cho math ‘s a dh’obraich sinn còmhla.

Image

Image

Image

Image

Image