Seachdain a’ toiseachadh 28.03.19

Cànan

Tha sinn air a bhith a’ coimhead air ciamar a bhitheas sinn a’ lorg faclan anns am faclair an t-seachdain seo.  Choimhead sinn air faclan a bha uile a’ toiseachadh le an aon litir mar eisimpleir:   ithe, isbeanan, isean is iteagan  an uairsin chuir sinn iad ann an òrdugh.  Abair spòrs!

Dh’ionnsaich sinn cuideachd ciamar a bhitheas sinn a’ cruthachadh aithisg sìmplidh.  Chruthaidh sinn ar aithisgean againn fhìn air cearcan!

Ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu na fuaimean

id, il, in, ir, is, it

Matamataig

Tha sinn air a bhith gu math trang ann am matamataig is tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn roinneadh.  Choimhead sinn air roinneadh 4 is 5.  An ath sheachdain coimheadidh sinn air 6 is 7.

Pròiseact

Dh’ionnsaich sinn mu moiseach Ròmanaich an t-seachdain seo is thòisich sinn ri bhith a’ cruthachadh na maoisiche againn fhìn.