3F – Disasta no Blasta

Airson ar pròiseact air biadh a chrìochnachadh, chruthaich sinn am fiolm ghoirid seo airson làrach-lìnn ‘Disasta no Blasta’! Chruthaich sinn piotsathan fallain le glasraich. Abar gun robh e spòrsail!

3F – 01.03.19

An t-seachdainn seo, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ sealltainn fiosrachaidh le dealbhan. Chruthaich sinn dealbhan le tòrr mion-fhiosrachaidh airson sealltainn na rinn sinn aig an deireadh sheachdainn. An uair sin, dh’fheumadh ar caraidean am fiosrachadh a lorg sna dealbhan agus a sgrìobhadh na bha iadsan a’ smaoineachadh na rinn sinn! Chòrd e rinn gu mòr.

An uair sin, thàinig A’ Bh-Uas Conroy a-steach airson beagan dràma a dhèanamh còmhla rinn. Bha sinn ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ cleachdadh ar aodainnean airson ar faireachdainnean a shealltainn agus cuideachd, mar a chleachdas sinn ar cuirp airson diofar cruthan a shealltainn.

Ann am matamataigs, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dhèidhinn diofar phàtranain agus chleachd sinn ar eòlas airson cùrsaichean cnapan-starra a chruthachadh ann an sgiobanan, a’ cleachdadh diofar phàtranain. An uair sin, chaidh sinn a-mach aig àm cleasachd le calc agus chruthaich sinn ar cùrsaichean san raoin-cluiche. Fhuair sinn uile cothrom a dhol mun cuairt airson cùrsaichean daoine eile fheuchainn. Mu dheireadh, rinn sinn measadh co-aoisean airson fhaicinn dè an cùrsa a b’ fheàrr leinn.

Cuspair Ùr – Deamocrasaidh (Clas 6T)

An t-seachdain sa, thòisich sinn cuspair ùr leis an t-ainm, Deamocrasaidh.  Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh na tha am facal ‘deamocrasaidh’ a’ ciallachadh agus mar a tha e coltach nar beathanan fìor.  Dh’ionnsaich sinn na h-iomadh seòrsa eisimpleir a tha againn nar dùthaich agus dè cho fortanach ‘s a tha sinn a bhith ann an dùthaich deamocrataic an àite dùthaich deachdaireachd.

Tha sinn air pàrtaidhean poileataigeach againn fhèin a chruthachadh le ainm agus lògo sònraichte.  Bha againn ri adhbharan air ar son agus adhbharan nar aghaidh a sgrìobhadh sios agus an ath sheachdain, tha sinn an dùil deasbad a bhith againn far am bi cothrom aig gach pàrtaidh iomairt aca fhèin a ruith.  As deidh sin, feuchaidh sinn air bhòt clas agus an uair sin, bidh pàrtaidh poileataigeach againn ann an clas 6T a chaidh a thagh ann an suidheachadh deamocrataic.

Cuideachd, bidh sinn a’ faighinn cothrom ri bhòtadh air cuspairean diofraichte anns a chlas gach latha.  Seall air an bhòt a rinn sinn air Diardaoin!

Seall air ar balla-ionnsachaidh cuspair!  Tha sinn ag obair còmhla airson a lìonadh le fiosrachadh inntinneach, ealain cuspaireil agus obair soirbheachail.  Ma tha beachd no goireas sam bith agaibh aig an taigh, feuch gun toir sibh a-steach e gus am faic an clas gu lèir e!

C5s Adventurous Week

This was an exciting week because we filmed our very own movie about Mary Queen of Scots! We all got given marvellous costumes and the set was very professional. There was a huge green screen, lights and a huge professional camera and microphone! We had to do a few takes but in the end we remembered our lines and our songs!

In maths this week we did some very hard word problems. We had to use lots of different strategies to work it out. We used finding the difference, bridging and had to make sure we read the whole question. It was about poor Mr Brown’s bank balance going in to negative numbers so we were learning about negative numbers and money.

We also tried out some maths games on Kahoot, it’s a really fun website!

Bee Bots

 

Tha an clàs air a bhith ag ionnsachadh mu bhith a’ toirt seachad stiùiridhean. Tha iad air bhith a’ cleachdadh an sgil seo ann an spòrs agus matamatig. An t-seachdain seo fhuair iad an cothrom na Bee Bots a chleachdadh sa chlas gus an cuideachadh. Abair gun robh iad math air obrachadh còmhla mar sgiobadh agus gun robh tòrr spòrs aca!

The class have spent some time learning more about directional language in Gàidhlig. They have been working on this as part of numeracy and in P.E. This week they had the opportunity to use Beet Bots in the classroom, in order to help with their directional language. They really enjoyed it and they did well to work as a team

C3N Seachdain a’ toiseachadh 25.02.19

Pròiseact

Thòisich sinn air pròiseact ùr an t-seachdain seo is ‘s e Na Ròmanaich a th’ ann.

Dh’ionnsaich sinn gu robh foghlam gu math cudromach dhaibh is bhitheadh na tidsearan a’ bualadh na sgoilearan mar nach robh iad modhail. Tha sinne gu ma taingeil nach eil sin a’ tachairt a-nis!!

Dh’ionnsaich sinn mu na diofar chleachdaidhean a bha aig na Ròmanaich.

Cànan

Dh’ionnsaich sinn an diofar eadar rud fìor is beachd.

Thòisich sinn ri bhith a’ sgrìobhadh notaichean nuair a bha sinn ag èisteachd ri stòiridh.

Dh’ionnsaich sinn cuideachd ri bhith a’ lorg fiosrachaidh le bhith a’ coimhead air dealbhan dhaoine eile is a’ faicinn dè an stòiridh a bh’ aca.

Matamataig

Dh’ionnsaich sinn ciamar a bhitheas sinn a’ sgrìobhadh clàr uiread 3 agus 10.

Ceòl

Dh’ionnsaich sinn ciamar a bhios ruitheam air atharrachadh nuair tha minim a’ tighinn a-steach dhan cheòl.

Caraidean

Bha caraidean againn air Dihaoine còmhla ri Sgoil-àraich is chruthaich sinn taighean lego.  Bha sinn a’ bruidhinn tòrr Gàidhlig ri na caraidean againn. Bha tòrr spòrs againn.