Madainn Còfaidh airson pàrantan na sgoil-àraich

Bha a’ Bh-uas NicFionghain air leth toilichte fàilte a chur air cuid de na pàrantan againn san sgoil-àraich aig ar madainn còfaidh Diluain.

Bha cothrom mhath aig ar pàrantan coinneachadh ri chèile air taobh a-miugh na sgoil-àraich. Chruinnich sinn £43.00 airson ‘The Teapot Trust’ – buidheann-carthannas a tha a’ dèanamh teiripe-ealain airson daoine òg a tha a’ fulang le tinneasan chloinne.

Ms MacKinnon was delighted to welcome some of our sgoil-àraich parents to our termly coffee morning.  This was a great opportunity for parents to meet up and have a catch up outwith the nursery.

We were delighted that the coffee morning raised £42.00 for The Teapot Trust – a charity which provides art therapy for children with chronic illness.

Uighean agus Isean!

Anns an sgoil-àraich an t-seachdain seo bha na sgoilearan ag ionnsachadh mu dhèidhinn cearcaillean beatha.

Fhuair na sgoilearan 10 uighean bhon tuathanas aig toiseachd na seachdain agus chaidh an cuir ann an guireadair.  Bha na sgoilearan a’ cumail sùil oirre agus a‘ faicinn na h-uighean a’ sgànaineadh. Tha 10 isean againn anns an sgoil àraich a-nis agus tha na sgoilearan a’ dol  a choimhead às an dèidh airson seachdain eile agus an uairsin thig iad air ais chun tuathanas.

Fhuair na sgoilearan cothrom na h-isean a chumail agus abair gun do chòrd sinn riutha!

 

 

In sgoil-àraich we have been learning about life cycles. This week we had 10 eggs delivered from the farm. We put the eggs in an incubator and watched as each of the eggs hatch. We now have 10 chicks to look after before they return to the farm next week.

The children all got the opportunity to touch and hold the chicks and they a really enjoyed this.

Ar Baile

An- diugh, thòisich clasaichean ag ionnsachaidh òran còmhla ris a Bh-uas Nic an t-Saoir a bhios iad a’ seinn aig Mhòd Ionadail Dhùn Èideann. Bidh a’ Mhòd a’ gabhail àite san sgoil air an 25mh den Chèitean.

Seo ceangal an t-òran airson clasaichean 5, 6, agus 7: https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/ar_baile/

Ar Baile
Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

Tha bannan ann fhathast gu làidir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
‘S ar n-aigne gu lèir ann an dàimh riuth’.

Air cho fada ‘s gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn’ air toiseach ar làithean;
‘S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh’ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pàistean.

Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fàileadh cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a’ bhaile air feur Linnteagarraidh
A’ lìonadh ar broilleach le sòlas.

Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

Tuathanas Gorgie

An t-sèachdain seo chaidh sinn gu Tuathanas Gorgie. Bha e gu math spòrsail agus bha tòrr ri fhaicinn ann. Chunnaic sinn na beathaichean, rinn sinn ìm a’ cleachdadh uachdar agus dh’obraich sinn le clòimh chaorach. 

Dh’ionnsaich sinn tòrr mu obrachadh air tuathanas agus na buannachdan a tha na chois. Dh’ionnsaich sinn cuideachd cho cudrothmach ‘s a tha e a bhith a’ cur ‘s a’ fàs measan ‘s glasraich.

Litreachas Ghàidhlig – Class 2T

Tha sgoilearan clas 2T air a bhith ag obair gu dìcheallach an t-seachdain seo air an sgil sgrìobhadh chruthachail aca. Bha aig clan ri sgrìobhadh toiseach, meadhan agus deireadh gu h-èifeachdach. Sgrìobh clas 2T sgeulachdan inntinneach a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu math!

 ‘S math a rinn sibh clas 2T!

 

Fàilte air ais!

An t-seachdain seo thòisich sinn an teirm mu dheireadh againn ann an Clas 2B. Chòrd na saor làithean ruinn agus roinn sinn ar naidheachd mu dheidhinn na rinn sinn anns a’ chlas.

Chrìochnaich sinn ar dealbhan de dhràgonan airson co-fharpais a’ Ghalaraidh Nàiseanta. Chuir sinn dath orra agus ghlaoidh sinn rudan orra airson inneach inntinneach a chruathachadh. Chòrd an cuspair sgrìobhaidh sinn ruinn agus tha sinn deiseil airson a’ chuspair bheag ùr a tha a’ tighinn an ath sheachdain.

 Related image

Thòisich sinn air cuspair ùr an t-seachdain seo cuideachd. Bidh sinn ag ionnsachadh mu bheatha cloinne aig àm na Bhictòireanaich. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na rudan a tha fhathast againne bhon ùair sin agus mu dheidhinn na rudan a tha eadar-dhealaichte cuideachd, mar eisimplear cha robh càraichean aca aig an àm sin, bha iad a’ siubhal air carbadan-eich.

Tioraidh an-dràsta,

Clas 2B

Clas 6T aig an Taigh-tasgaidh

Chaidh Clas 6T dhan taigh-tasgaidh air Diciadain airson turas-sgoile spòrsail co-cheangailte ri ar cuspair ùr, S.T.E.M. 

Chosg sinn a’ mhadainn a’ freagairt cheistean co-cheangailte ri obraichean ann an saidheans, einnseanaireachd agus teicneòlas, airson fiosrachadh mu dheidhinn saoghal nan obraichean ionnsachadh.

An uair sin, bha sinn fortanach gu leòr cothrom fhaighinn taisbeanadh ùr mu dheidhinn robotan fhaicinn far an do choinnich sinn ri daoine bhon àm ri teachd a bha le iomadh sgilean eadar-dhealaichte mar smèideadh, danns’ agus fiùs dòrn-chnag! 🤖

Chlàr sinn notaichean phearsanta thairis air an turas agus chruthaich sinn ceistean inntinneach airson ar caraidean ionnsachaidh a fhreagair sinn air ais san sgoil. Bha seo feumail oir dh’ionnsaich sinn barrachd bho obair ar caraidean.

Òran a’ Mhòid – C3

Dear parent,

Children are busy learning the song ‘Mo Chuilean Beag’ for the local Mòd which is taking place on 25th May.

Click on the link and you will find a copy of the words to ‘Mo Chuilean Beag’

Mo chuilean beag

Click on this link to hear the tune to the song.

Here is the link to enter your child into competitions:

https://www.edinburghlocalmod.com/mograved-2019.html