3F – 01.04.19 – Là na Gocaireachd

‘S e Là na Gocaireachd a bh’ ann air Diluain agus abair gun robh spòrs againn ann an 3F!

Dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn an t-isean Lirpaloof (Aprilfool), eun sònraichte a tha tighinn ath Afraga air na chiad làithean den Ghibhlean gach bliadhna. An tòiseach, dh’ ionnsaich sinn mar a tha sinn ag èisteachd airson fiosrachadh le bhith lìonadh a-steach dealbh den Lirpaloof a rèir am fiosrachadh a bha am broinn an artaigil naidheachd.

Bha an artagail naidheachd ag innse dhuinn tòrr fiosrachadh mu dheidhinn an t-isean. An robh fios agaibh gur è currain am biadh as fheàrr leotha? ‘S e sin an adhbhar gu bheil sgiathan soilleir orains aca! Airson an Lirpaloof a lorg, dh’ fheumadh sinn dol a-mach agus currain a crathadh san adhar, a seinn a h-ainm. Bha cuid a’ smaoineachadh gun do lorg iad e!

Chaidh sinn air ais dhan clas agus ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cruthachadh diagram agus aithisg sìmplidh mun na thachair san raon-cluiche.

Mu dheireadh, dh’ innis A’ Bh-Uas NicFheargais dhuinn gur è cleas a bh’ ann agus an uair sin, bha còmhradh fada againn mar clas mu dheidhinn stuthan a tha air loidhne, agus nach bu chòir dhuinn a creidsinn anns a h-uile rud a chitheas sinn air sgàth ‘s dòcha nach eil e fìor!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *