C3N – Seachdain a’ toiseachadh 01.04.19

Cànan

Air Diluain bha sinne a’ leughadh airson fiosrachadh.  Chuala sinn gun robh eun gu math sònraichte air a thighinn a Dhùn Èideann.  Leugh an tidsear a-mach earrann ag innse dhuinn gun robh eun air a faicinn ann an Dùn Èideann.  ‘S e lirpaLoof an t-ainm a bh’air an t-eun.  Chaidh sinn a-mach dhan raon-cluiche le currain is sheinn sinn òran ‘LipraLoof’ airson an t-eun.  ACH bha an tidsear a deanamh ‘Latha nan Gogaireachd’ oirnn.

Fonaigs

Bha sinn a’deanamh na fuaimean bhr, thr, fhr, phr, shr, ghr is dhr.

Matamataig

Rinn sinne roinneadh 6 agus 7 an t-seachdain seo. Rinn sinn gragaichean-loidhne cuideachd.

Pròiseact

Chruthaich sinn na tailm againn fhìn.

Ealain

Bha sinn a’ cruthachadh uighean na Caisge an t-seachdain seo.  Chriochnaich sinn na dearcan againn cuideachd.

Caraidean

Chruinnich sinn le na caraidean againn ann an sgoil-àraich air Dihaoine.

Obair-dachaigh

Bha feadhainn againn ag innse dhuinn mu dheidhinn an obair-dachaigh aca.  Dh’obraich iad uile cho cruaidh air an obair-dachaigh!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *