Teacsaichean Neo-Fhicsean

Tha C5 air a bhith ag obair air teacsaichean neo-fhicsean fad an teirm.

Tha deagh fhios aca air na feartan a-nis.  Sgrìobh iad iomadh sheòrsa teacs mar stiùireadh, seòlaidhean is sanasan-reic, cuideachd lìon iad foirmichean!

Is ann ann am buidhnean a chruthaich iad postairean fiosrachail mu Mhàiri Bànrigh na h-Alba (a tha air an taisbeanadh taobh a-muigh a’ chlas) is an t-seachdain chruthaich iad bileagan-fiosrachaidh mun Chearcall Uisge.  Chuir iad gu feum na nòtaichean aca is dh’obraich iad ann am buidhnean.  Nach mìorbhaileach iad! Chi sibh gun do chuir iad gu feum iomadh feart teacs neo-fhicsean an leithid clàr-amas, fo-thiotalan, puingean, diagraman, stiùireadh is clò-dubh.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *