Chaidh Clas 6T dhan taigh-tasgaidh air Diciadain airson turas-sgoile spòrsail co-cheangailte ri ar cuspair ùr, S.T.E.M.
Chosg sinn a’ mhadainn a’ freagairt cheistean co-cheangailte ri obraichean ann an saidheans, einnseanaireachd agus teicneòlas, airson fiosrachadh mu dheidhinn saoghal nan obraichean ionnsachadh.
An uair sin, bha sinn fortanach gu leòr cothrom fhaighinn taisbeanadh ùr mu dheidhinn robotan fhaicinn far an do choinnich sinn ri daoine bhon àm ri teachd a bha le iomadh sgilean eadar-dhealaichte mar smèideadh, danns’ agus fiùs dòrn-chnag! 🤖
Chlàr sinn notaichean phearsanta thairis air an turas agus chruthaich sinn ceistean inntinneach airson ar caraidean ionnsachaidh a fhreagair sinn air ais san sgoil. Bha seo feumail oir dh’ionnsaich sinn barrachd bho obair ar caraidean.