An- diugh, thòisich clasaichean ag ionnsachaidh òran còmhla ris a Bh-uas Nic an t-Saoir a bhios iad a’ seinn aig Mhòd Ionadail Dhùn Èideann. Bidh a’ Mhòd a’ gabhail àite san sgoil air an 25mh den Chèitean.
Seo ceangal an t-òran airson clasaichean 5, 6, agus 7: https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/ar_baile/
Ar Baile
Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.
Tha bannan ann fhathast gu làidir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
‘S ar n-aigne gu lèir ann an dàimh riuth’.
Air cho fada ‘s gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn’ air toiseach ar làithean;
‘S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh’ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pàistean.
Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fàileadh cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a’ bhaile air feur Linnteagarraidh
A’ lìonadh ar broilleach le sòlas.
Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.