An t-sèachdain seo chaidh sinn gu Tuathanas Gorgie. Bha e gu math spòrsail agus bha tòrr ri fhaicinn ann. Chunnaic sinn na beathaichean, rinn sinn ìm a’ cleachdadh uachdar agus dh’obraich sinn le clòimh chaorach.
Dh’ionnsaich sinn tòrr mu obrachadh air tuathanas agus na buannachdan a tha na chois. Dh’ionnsaich sinn cuideachd cho cudrothmach ‘s a tha e a bhith a’ cur ‘s a’ fàs measan ‘s glasraich.