C2B a’ dol air ais do Linn Bhictòria

An t-seachdain seo, choimhead sinn ri deideigean bho Linn Bhictòria agus bhon latha tha an-diugh. An uair sin, bhruidhinn sinn mu dheidhinn an diofar eadar na rudan a tha sinn ag iarraidh agus na rudan a dh’fheumas sinn. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil feum againn air airgead, baighseadhal, adhar glan agus uisge agus tha sinn ag iarraidh amar snàimh sa gharradh, t.bh. agus aodach spaideil.

Bha sinn a’ leum a-rithist sa chlas spòrs ach an uair sin bha sinn a’ dèanamh leumanan diofraichte – an leum trìbilte , an leum fada agus an leum àrd. Chluich sinn an geama “Jack in the Box tig” airson blàthachadh an àrda.

Ann an matamataig tha sinn fhathast ag obair le airgead. An t-seachdain seo, smaoinich sinn mu dè thachaireadh nan toireadh tu tòrr airgead don bhùth agus dh’obairich sinn a-mach dè na dh’airgid a gheibheadh sinn air ais . Chluich sinn geama airson dealbh de na h-Eich Uisge (Kelpies) a lorg. Bha e spòrsail!

Tìoraidh,

Clas 2B 🙂

3F – 17.05.19

Bha sinn ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ sgrìobhadh faclan ann an dòigh tarraingeach agus mar sin, chruthaich sinn ballachan Graffiti a’ cleachdadh ar faclan cumanta.

Cuideachd, ionnsaich sinn mu dheidhinn co-chothromachd agus chruthaich sinn an leth eile de ar n’ aodainn. Seo sinn a’ dèanamh practas air bùird ghil mus an d’ rinn sinn na feadhainn ceart againn!

Mu dheireadh, ionnsaich sinn mun Lorg Carboin againn agus na rudan a dh’ fhaodadh sinn a dhèanamh airson ar n’ arraineachd a chuideachadh. Chruthiach sinn soidhnichean airson a crochadh sna taigheanan againn.

Seachdain Trang aig Clas 6T

MATAMATAIG

Dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn ceàrnan complementary agus supplementary – bidh ceàrnan complemtary a nochdadh ann an ceàrnan cearn-ceàrnach (90) agus bidh ceàrnan supplementary a nochdadh ann an ceàrnan-dìreach, far a bheil againn ri e a dhèanamh co-ionnan ri 180.

Cuideachd, dh’ ionnsaich sinn mar a chruthaicheas sinn cumaidhean 3sh le pàipear a-mach à net.  Rinn sinn deuchainn inntinn agus pàipear gus am biodh fiosrachadh aig an riaghaltas agus aig a chomhairle.  A’ bharrachd air an sin, dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn co-chomarran ceithir ceathramhan airson emoji’s a dhealbhadh.

LITEARRACHD

Air Diciadain, chriochnaich sinn sgeulachd Beurla bho Pobble365 mu dheidhinn ‘Explorers’.  Cuideachd, fhreagair sinn ceistean fosgailte mu dheidhinn ‘The Invisible Man’.  A-nis, ‘s urrainn dhuinn sgeulachd a sgrìobhadh à dealbh.

S.T.E.M.

Thòisich sinn ag’ ionnsachadh mu dheidhinn am modh-obrachaidh STEM.  ‘S e ‘defining the problem’ a chiad pàirt agus chuir a h-uile duine dùbhlan air pios pàipear agus an uair sin, bhruidhinn sinn mu dheidhinn.  Cuideachd, bha againn ri taisbeanach a dhèanamh airson ar beachdan a chonaltradh gu soilleir.

SPÒRS

Air Dimàirt, bha rugbaidh againn còmhla ri Ross.  Dh’ fheuch sinn ar sgilean sadail ri chèile a leasachadh.

SLÀINTE IS SÙNND

An t-seachdain sa chaidh, bhruidhinn sinn ar luachan nan sgoile agus chruthaich sinn postairean beaga mu dheidhinn.  Tha sinn an dùil òran a chruthachadh air na luachan cuideachd. Madainn an-diugh, chruthaich sinn postair airson tidseirean air nach eil eòlach oirnn airson fiosrachadh pearsanta a chonaltradh leotha.

C5

This week we were working hard on the times tables. Four visitors came in to see our maths work! The visitors thought that we were a really lovely class and we were working hard and very good at self-assessing. They thought we had lovely manners! We looked at different steps to help us to learn the times tables and made an order we think is good:

  • 5 and 10 times tables first
  • 2 and 4
  • 3 and 6
  • 8, 9 and 11
  • Then 7 and 12

To learn them we thought, these were good steps:

  • Learn the stations
  • Practise writing the times table in order
  • Learn to skip count and use dot patterns to work out the answer
  • Memorise the times tables to answer automatically

We need to learn the first step really well before we step up the ladder so that we don’t end up like Mr Bean on a shoogly ladder!

When it was sunny, we did some of our learning outside in a shady spot!

We also learned a really easy way of tying our laces! We called it a new life hack!

Ag Ithe Biadh Fallain

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith ag ithe biadh fallain agus carson a tha seo cudrothmach airson ar bodhaig agus as n-eanchainn.

A’ coimhead ri diofar dhealbhan, bhruidhinn sinn mu dheidhinn de seòrsa biadh a tha fallainn agus de seòrsa a tha mì-fhallain. Bha e math faicinn beachdan a’ chlann mu dheidhinn dè am biadh a tha math dhut a bhith ag ithe fad na h-ùine, agus dè a tha nas fhearr a bhith ag ithe dìreach cor uair.

A’ cleachdadh graf, roinn sinn na diofar sheòrsaichean bìdh. Chaidh feadhain an cuir eadar an dà roinn air sgàth gun robh a’ chlas a’ smaoineachadh gum biodh iad seo ceart gu leòr an gabhail meadhanach tric.  

Seachdain sa Ghrèin

Abair seachdain thrang sa ghrèin!
 
An-dè, chaidh sinn dhan choille comhla ri Liam airson rudan a thogail airson ‘Taigh-Osda na Biastagan’. Chleachd sinn sàbh gus bamboo a’ ghearradh, agus bha sinn gu math faiceallach. Bha tòrr spòrs againn a-muigh sa ghrèin, agus bha sinn gu math taingeal airson a’ chuideachadh a fhuair sinn bho Liam agus bho mamaidh Leo airson a smuain mhath!
 
 
As deidh àm lunch, chaidh sinn gu Pàirc Pilrig air sgàth ‘s gun d’ fhuair sinn 50 Pom poms. Tha sinn a’ faighinn Pom Poms airson a bhith ag èisteachd agus a’ sealltainn urram. Bha sinn a’ cluich anns a’ phàirc anns a’ ghrèin agus cha robh sinn ag iarraidh fàgail!
 

Creideamh Islam – Ionnsachadh ann an Clas 4B | Islam – Learning in Clas 4B

Tha Clas 4B air a bhith ag ionnsachadh mu chreideamh Islam air an t-seachdain seo.  Ghabh sinn pàirt ann an leughadh, èisteachd agus labhairt airson tuilleadh ionnsachadh mun chreideamh seo.  Dimàirt, sheall sinn air rudan prìseil a tha Muslamaich a’ cleachdadh airson a bhith ag ùrnaigh agus a’ dèanamh àdhradh do ‘Allah’ an Dia aca.  Fhuair sinn an cothrom a bhith coimhead gu mionaideach air ‘Quar’an’ agus air brat-ùrnaigh, cho math ri aodach airson cinn dhaoine a chòmhdach, airson urram a shealltainn.  Dh’ionnsaich sinn mun àite sònraichte a tha ann airson adhradh, ‘Mosque’, agus thòisich sinn air seòrsa ‘Mosque’ le rudan a tha cudromach dhan Chreideamh na bhroinn. 

Seo cuid de na rudan air an do choimhead sinn!  

 

Benmore

Dear Parent,

Just a wee note to say that C7 are enjoying their residential trip in Benmore.  The children have been using their team building skills in the gorge , their upper body strength at canoeing, their balance while biking and testing their mental and physical endurance on the rope course.  It was a special day yesterday too for our Twins Travis and Olivia who turned 12.  Benmore staff made them a cake agus abair gun robh e blasta!!!

Today is our final full day and everyone is very excited about the disco tonight.

We should be back at school at 1pm tomorrow.

Dùrachdan,

Miss MacIntyre

Dyslexia Unwrapped

Dyslexia Unwrapped is an online hub for children and young people with dyslexia.

https://unwrapped.dyslexiascotland.org.uk/

The site contains info, strategies, real life stories and fun stuff too. Also, on the site is See Dyslexia Differently a fab animation all about dyslexia. Check it out at https://youtu.be/11r7CFlK2sc

The important thing to remember is Dyslexia does not mean that you are not smart. It has nothing to do with intelligence and IQ and it comes with many strengths as well as the challenges.

Ceann-phollanan san Sgoil Àraich

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cearcaill beatha san Sgoil Àraich. Tha sinn gu math fortanach gu bheil ceann-phollanan againn ann an tanca. Tha sinn a’ coimhead às an dèidh agus a’ cumail sùil oirre ach am faic sinn dè an ath rud a tha a’ dol a thachairt riutha.

 

At sgoil àraich we are continuing to learn about life cycles. We are very fortunate to have a tank of tadpoles to look after. We are keeping a close eye on to see what will happen next.