3F – 10.05.19

Cànan

Chùm sinn oirnn le bhith ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ litreachadh faclan cumanta.

Matamataigs

Thòisich sinn ag ionnsachadh diofar dhòighean eadar-dhealaichte airson a’ sealltainn luach àireamh a’ cleachdadh deichean agus aonadan.

Mar eisimpleir: 54 – gu abhaisteach tha sin 5 deichean agus 4 aonadan ach, ionnsaich sinn cuideachd gun urrainn dhuinn sealltainn 54 mar 3 deichean agus 24 aonadan.

Slàinte agus Sunnd

Ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ dèanamh leum-fada gu sàbhailte còmhla ri Mgr Carruthers. Cuideachd, rinn sinn obair air rèis phàirteach ann an sgiobanan. Chòrd seo ruinn gu mòr!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *