An t-seachdain spòrsail, goirid againn.

Leis a’ Bh-uas Hoy, àlainn, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean 2D. Gu h-inntinneach, bha sinn a’ dèanamh deuchdainn mìorbhaileach.

Gu spòrsail, bha sinn a’ dèanamh cailleach-oidhche còmhla ris a’ Bh-uas Dean. Gu fortanach, bha ceumanan ann airson na dealbhan brèagha a dhèanamh.  Gu h-iongantach, bha sinn ag ionnsachadh gu bheil trì fabhran aig caillich-oidhche; aon airson priobadh, aon airson cadal agus aon airson glanadh!  Gu h-inntinneach, bidh cinn na caillich-oidhche a’ tionndaidh 270’!

Gu fortanach, bha sinn a’ leughadh Stig of the Dump an t-seachdain seo agus rinn sinn geama ceàrd an ùghdar far an robh sinn a’ lìonadh na beàrn. Cò a chreideadh gu barrachd briathrachas againn na th’ aig Clive King!

Dihaoine bhruidhinn sinn mu dheidhinn ar Luchan Sgoile.  Gu h-inntinneach, tha 9 ann is rinn sinn ceanglaichean le ar beatha làitheil san sgoil.  Gu glic, thuirt sinn gu bheil sinn ‘cruthachalachd’ nuair a tha sinn còmhla ris a’ Bh-uas Deans, aig àm-socair, a’ sgrìobhadh sgeulachdan, a’ cluich sa bhogsa-cluich agus nuair a bhios sinn a’ cruthachadh gheamanan.  Mhothaich sinn gu bheil Sensory Circuits, (a tha cuid den chlas an sàs ann) a’ bualadh air tòrr de na luachan!  Gu snog fhuair sinn cothrom a bhith le ar caraidean còir C2G, mar sin, còmhla chruthaich sinn postairean tarraingeach de na luachan ann an rionnagan!

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *