Clas 6T – Seachdain a’ tòiseachadh 08/05/19

S.T.E.M.

Nar cuspair, chruthaich sinn postair sònraichte airson an doras far a bheil neach-saidheans phearsanta aig gach duine sa chlas agus chuir sinn pàipear a bha coltach ri slime timicheall air.

An t-seachdain sa, thòisich sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn am modh-obrachaidh saidheans agus dh’ionnsaich sinn mar a sgrìobhas sinn aithisg saidheans.  Tha fios againn gum bu chòir tiotal, amas, adhbhar agus beachd-bharail a bhith aig toiseach-tòisichidh aithisg.

An uair sin, chleachd sinn am fiosrachadh seo airson modail de ar probhadh a chruthachadh.  Chleachd sinn stuth ath-chuairteachaidh airson seo a dhèanamh.

  

MATAMATAIG

Bha sinn a’ feuchainn ar sgilean matamataig a leasachadh gus am b’ urrain dhuinn ceistean-inntinn a fhreagairt ann an coig diog.  Rinn sinn seo gus am biodh sinn deiseil airson a’ mheasadh cheart a tha gu bhith againn an ath sheachdain.  Chleachd sinn na ro-innleachdan airson ar cuideachadh agus ar shocrachadh.

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na ceithir diofar sheòrsan de thriantan: equilateral, scalene, isosceles agus right-angled.  Tha sinn a-nis a’ tuigsinn gu bheil gach taobh agus ceàrn air triantan equilateral co-ionnan. Tha a h-uile triantan co-ionnan ri 180° agus tha cumaidhean eile co-ionnan ri 360° degrees.

A bharrachd air a sin, dh’ionnsaich sinn an diofar eadar meud ceàrnan.  Dh’ionnsaich sinn am briathrachas: caol (acute), farsaing (obtuse), ceart-ceàrnach (right-angled) agus reflex.  Tha fios againn gu bheil ceàrn caol nas lugha na 90° agus gu bheil ceàrn farsaing nas motha na 90° oir gu bheil ceàrn ceart-ceàrnach co-ionnan ri 90°.  Mar sin, tha sin a’ ciallachadh gur e reflex angle am pìos a tha air fhàgail.

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn gu bheil an radius co-ionnan ri leth de dhan diameter ann an cearcall.

SPÒRS

Ann an spòrs, tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn leum, sadail agus ruith – lùth-chleas.  An t-seachdain sa, bha am buidheann leum ag obair air leum-fada.  Chuimhnich sinn ri ar glùinean a lùbadh, ar gàirdean a chleachdadh gu làidir agus ar casan a chumail còmhla.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *