Clas 6T&L: Rocaidean a’ Spreadhadh!

LITEARRACHD

Sgrìobh sinn tiotal, amas, adhbhar agus beachd-bharail air probhaidhean eadar-dhealaichte, ro-laimh.  An uair sin, as a dheidh, sgrìobh sinn fiosrachadh air a’ phrobhadh, ceann-crìche, pàirtich agus leasaich – a’ bharrachd air dealbh de ar n’obair.  Mar sin, dh’ionnsaich sinn mar a sgrìobhas sinn aithisg saidheans air fad.

MATAMATAIG

Thog sinn dealbhan dhuinn fhèin leis an iPad agus an ath latha, bha againn rin geàrradh ann an dà leth agus feuchainn ris an taobh eile a dhealbhadh a’ cleachdadh riaghailtean co-chothromachd.

CUSPAIR (SAIDHEANS)

Air feasgar Diciadain, chruthaich leth den chlas rocaid agus an uair sin, fhuair a h-uile duine eile cothrom an cruthachadh air madainn Diardaoin.

Airson an rocaid a chruthachadh, chuir sinn peansailean mun cuairt  botail ath-chuairteachaidh plastaig agus an uair sin, chuir sinn leth botail fion-geur na bhroinn.

As deidh sin, chuir sinn trì pacaidean beaga de bicarbonate a-steach dhan bhotail agus chuir an tidseir corc na bhroinn gu luath!

Bha an alkaline agus an searbhag a’ measgachadh airson tachartas-searbhag a dhèanamh agus chruthaich seo tòrr carbon-dioxide.  Mar sin, spreadh am botail suas dhan adhar mar rocaid!

Seall cho soirbheachail ‘s a bha iad!

SPÒRS

Air Dicidain, bha coig-deug sgoilearan bho gach clas a’ dol gu na Geamanan Hub agus chosg iad latha air fad ag ionnsachadh mu dheidhinn danns, hocaidh no lùth-chleas.  A-rèir sgilean obair-sgioba, coibhneas agus sgilean spòrsail, chriochnaich an sgioba danns’ anns an dàrna àite, lùth-chleas san coigeamh àite agus hocaidh san seachdamh àite.  Aig an deireadh an latha, rinn an sgioba danns’ taisbeanadh airson am buidheann air fad!  Chòrd na geamanan Hub ris a h-uile duine oir bha tòrr spòrs aca!