Fiacalan Fallain

 

An t-seachdain seo, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh dè am biadh a tha math agus dè am biadh nach eil cho math do air fiaclan agus ciamar a chùmas sinn ar fiaclan glan is fallain. 

Rinn sinn deuchainn gus faighinn a-mach dè am buaidh a th’ aig diofar dheochan air na fiaclan againn.  

Sa mhadainn, chuir sinn uighean tunnaige ann am bosca agus lion sinn e le coca-cola . Ro àm feasgar, thàing dath air na h-uighean. Ghlan sinn na h-uighean le uachdar-fhiaclan, ach an deidh sin cha deach iad air ais gu geal.

 Tha fios again a-nis gum feum sinn bruiseadh na fiaclan gach latha. Dh’ionnsaich sinn cuideachd mun bhuaidh a th’ aig siùcar air ar fiaclan. Tha an dealbh mu dheireadh a’ sealltainn dà ugh nach deach an glanadh an taca ri dà ugh a chaigh an glanadh.

  

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *