Gu fortanach, fhuair C5 cothrom filmaichean ghoirid a chruthachadh air app leis an ainm i-motion. Thàinig IntoFilm a-steach is theagaisg iad dhuinn ciamar a bhios sinn a’ cruthachadh fiolm stop-motion. An toiseach chruthaich sinn modail, an uair sin thog sinn dealbhan. Eadar gach dealbh bha cuideigin a’ gluasad a’ mhodail. Aig an deireadh, chunnaic sinn na fiolmaichean agus dh’ith sinn bonnaich blasta.
Gu fortanach, fhuair sinn ealain còmhla ris a’ Bh-uas Deans. An creideadh tù nach bi i an-seo an ath sheachdain oir bidh i air falbh air fòrladh màtharail.
Ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ‘ing’. Tha ceithir riaghltean ann:
- Nuair a tha faclan magic e agad, bidh thu a’ sadal ‘e’ a-mach air an uinneag! mar bake – baking
- Ma tha fuaimreag ann ro chonnrag aig an deireadh, bidh an connrag dùbailte. mar swim – swimming
- Cha bhi x, y, no z dùbailte! mar fix – fixing
- Cha bhi connrag dùbailte ann nuair a tha dà fhuaimreag ann! mar eat – eating
Furasta nach eil! An robh fios agad gu robh 4 riaghltean ann?
Gu fortanach bha sinn ag ionnsachadh ma dheidhinn na targaidean clàr an uiread againn ann am matamataig. Airson practice a dhèanamh orra bha sinn a’ dèanamh ’10 làitheil’ – deich ceist clàr an uiread air thuairteam gach latha!