B’ e a’ chiad rud a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo ciamar a chluicheas tu Quidditch le Mgr Vitry ann an clas spòrs. An creideadh tu gun urrainn dhut Quidditch a chluich? Coltach ris a’ gheama ann an Harry Potter, tha diofar obraichean ann ri dhèanamh – Stopper a bhios a’ cluich leis a’ Bhludger; Chasers, a bhios a’ cluich leis an Quaffle agus daoine eile a bhios a’ toirt am ball dha chèile gus puingean fhaighinn. Tha trì buill ann – an Snitch, am Bludger agus an Quaffle.
Gu mìorbhaileach Diciadain thàinig Mgr Allan a-steach gu clas a còig. Gu fortanach bha sinn a’ dèanamh animation air Scratch oir bha Mgr Allan a’ teagasg coding dhuinn. Gu spòrsail bha sinn a’ cur ri chèile a’ phlanaid againn, aon-ardhcach, muncaidh, rionnag, rocaid, dìneasair agus iomadh rud eile air bhiodeo. Iongantach nach eil! Tha sinn cho taingeil do Mhgr Allan a bha gar cuideachadh.
Ann am Fonaigs rinn sinn ‘ch’ agus ‘th’. Gu h-inntinneach tha na faclan Quidditch agus Scratch air an litreachadh le tch air sgàth’s gu bheil fuaimreag ann ron fhuaim ‘ch’.