Seachdain a’ toiseachadh 21.05.19 – C3N

 

Cànan

Airson Cànan, bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhitheas sinn òrdachadh faclan anns an aibideil is cuideachadh a’ rannsachadh anns na faclairean againn.

Geama: Cuir iad seo ann an òrdugh

Feur, fàire, fàilte

Matamataig

Bha sinn a’ dèanamh clàr uiread ann am matamataig. Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn an neoni draoidheil airson uiread le 10. Bha againn ri a bhith a’ leughadh cheistean mu dheidhinn clàr uiread. Bha sinn a’ dèanamh co-chothromachd cuideachd.

Slàinte is Sunnd

Chaidh sinn thairis air an ionad air ‘Faigh Cuideachadh Le Ar Draghan’. Bha sinn a’ bruidhinn ri chèile mu dheidhinn ciamar a bhitheas sinn a’ bruidhinn mu na draghan againn. Dh’ionnsaich sinn gu bheil do fhaireachdainnean mar botail. Mur nach eil thu a’ bruidhinn mu dheidhinn ciamar a tha thu a’ faireachdainn bidh na draghan agaibh a’ lìonadh a’ bhotail is an uair sin bidh e a’ sprèidheadh.

Ealain

Chuir sinn crìoch air ar dealbhan de dhealain-dè. Cuideachd rinn sinn dealbhan ann am Matamataig. Thuirt sinn ‘Mar Sin Leibh’ ri a’ Bh-Uas Deans an t-seachdain seo cuideachd.

Cruinneachadh

Chaidh sinn dhan cruinneachadh an-diugh agus chuala sinn bho na còmhlain ciùil a bhitheas a’ cluich aig Mòd Ionadail Dhùn Èideann aig an deireadh sheachdain. Bha daoine a’ cluich guitar agus ukulele, fidheal agus Clàrsach.

Ceòl/Bardachd

Tha sinn air a bhith ag obair anns na buidhnean again airson co-fharpais na sgoile agus tha sinn air bhith a’ cleachdadh cànan eile mar Gaeilge, Spainntis agus Beurla!

Pròiseact

Rinn sinn farpais-cheist airson Pròiseact mu dheidhinn ar sgoil! Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Bonnytoun. Chaidh sinn a-mach dhan raon-cluiche agus lorg sinn na freagairtean airson a’ farpais-cheist

Fiacalan Fallain

 

An t-seachdain seo, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh dè am biadh a tha math agus dè am biadh nach eil cho math do air fiaclan agus ciamar a chùmas sinn ar fiaclan glan is fallain. 

Rinn sinn deuchainn gus faighinn a-mach dè am buaidh a th’ aig diofar dheochan air na fiaclan againn.  

Sa mhadainn, chuir sinn uighean tunnaige ann am bosca agus lion sinn e le coca-cola . Ro àm feasgar, thàing dath air na h-uighean. Ghlan sinn na h-uighean le uachdar-fhiaclan, ach an deidh sin cha deach iad air ais gu geal.

 Tha fios again a-nis gum feum sinn bruiseadh na fiaclan gach latha. Dh’ionnsaich sinn cuideachd mun bhuaidh a th’ aig siùcar air ar fiaclan. Tha an dealbh mu dheireadh a’ sealltainn dà ugh nach deach an glanadh an taca ri dà ugh a chaigh an glanadh.

  

 

Enquire -The Scottish Advice Service for Additional Support for Learning

Image result for inclusion

Enquire https://enquire.org.uk/

This is an excellent website for parents, professionals and young people looking to understand more about Additional Support for Learning in Scotland

Understanding what additional support for learning is can help when you are talking to your child’s school about their learning or support needs. Enquire can:

  • help you feel informed about your child’s rights to additional support
  • offer advice on how to work with your school to get the right support in place
  • explain options for resolving disagreements

Contact the Enquire Helpline on 0345 123 2303

Helpline open today 9.00am – 4:30pm.

C2T- Ealain – Caisteal Dhùn Èidean

Tha sgoilearan bho C2T air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh  Caisteal Dhùn Èidean agus a’ deanamh coimeas eadar mar a bha e uairigean agus mar a tha e an-diugh. Ann an ealain rinn iad caistealam àlainn a’ cleachdadh stampaichean.

Nach eil iad breagha? Obair fìor mhath C2T!

 

C2B a’ dol air ais do Linn Bhictòria

An t-seachdain seo, choimhead sinn ri deideigean bho Linn Bhictòria agus bhon latha tha an-diugh. An uair sin, bhruidhinn sinn mu dheidhinn an diofar eadar na rudan a tha sinn ag iarraidh agus na rudan a dh’fheumas sinn. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil feum againn air airgead, baighseadhal, adhar glan agus uisge agus tha sinn ag iarraidh amar snàimh sa gharradh, t.bh. agus aodach spaideil.

Bha sinn a’ leum a-rithist sa chlas spòrs ach an uair sin bha sinn a’ dèanamh leumanan diofraichte – an leum trìbilte , an leum fada agus an leum àrd. Chluich sinn an geama “Jack in the Box tig” airson blàthachadh an àrda.

Ann an matamataig tha sinn fhathast ag obair le airgead. An t-seachdain seo, smaoinich sinn mu dè thachaireadh nan toireadh tu tòrr airgead don bhùth agus dh’obairich sinn a-mach dè na dh’airgid a gheibheadh sinn air ais . Chluich sinn geama airson dealbh de na h-Eich Uisge (Kelpies) a lorg. Bha e spòrsail!

Tìoraidh,

Clas 2B 🙂

3F – 17.05.19

Bha sinn ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ sgrìobhadh faclan ann an dòigh tarraingeach agus mar sin, chruthaich sinn ballachan Graffiti a’ cleachdadh ar faclan cumanta.

Cuideachd, ionnsaich sinn mu dheidhinn co-chothromachd agus chruthaich sinn an leth eile de ar n’ aodainn. Seo sinn a’ dèanamh practas air bùird gheal mus an d’ rinn sinn an fheadhainn cheart againn!

Mu dheireadh, dh’ionnsaich sinn mun Lorg Carboin againn agus na rudan a dh’ fhaodadh sinn a dhèanamh airson ar n’ arraineachd a chuideachadh. Chruthaich sinn soidhnichean airson an crochadh sna taigheanan againn.

Seachdain Trang aig Clas 6T

MATAMATAIG

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ceàrnan complementary agus supplementary – bidh ceàrnan complemtary a’ nochdadh ann an ceàrnan ceart-cheàrnach (90°) agus bidh ceàrnan supplementary a’ nochdadh ann an ceàrnan-dìreach, far a bheil againn ri an dèanamh co-ionnan ri 180°.

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mar a chruthaicheas sinn cumaidhean 3sh le pàipear a-mach à lìn.  Rinn sinn deuchainn inntinn agus pàipear gus am biodh fiosrachadh aig an riaghaltas agus aig a’ chomhairle.  A bharrachd air a sin, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn co-chomarran ceithir ceathramhan airson emojis a dhealbhadh.

LITEARRACHD

Air Diciadain, chriochnaich sinn sgeulachd Beurla bho Pobble365 mu dheidhinn luchd-rannsachaidh.  Cuideachd, fhreagair sinn ceistean fosgailte mu dheidhinn ‘The Invisible Man’.  A-nis, is urrainn dhuinn sgeulachd a sgrìobhadh à dealbh.

S.T.E.M.

Thòisich sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn am modh-obrachaidh STEM.  ‘S e ‘mineachadh an dùbhlan’ a’ chiad phàirt. Chuir a h-uile duine dùbhlan air pìos pàipear agus an uair sin, bhruidhinn sinn mun deidhinn.  Cuideachd, bha againn ri taisbeanadh a dhèanamh airson ar beachdan a chonaltradh gu soilleir.

SPÒRS

Air Dimàirt, bha rugbaidh againn còmhla ri Ross.  Dh’fheuch sinn ar sgilean sadail gu chèile a leasachadh.

SLÀINTE IS SÙNND

An t-seachdain sa chaidh, bhruidhinn sinn air luachan na sgoile agus chruthaich sinn postairean bheaga mun deidhinn.  Tha sinn an dùil òran a chruthachadh mu na luachan cuideachd. Madainn an-diugh, chruthaich sinn postair airson tidseirean nach eil eòlach oirnn airson fiosrachaidh phearsanta innse dhaibh.

C5

This week we were working hard on the times tables. Four visitors came in to see our maths work! The visitors thought that we were a really lovely class and we were working hard and very good at self-assessing. They thought we had lovely manners! We looked at different steps to help us to learn the times tables and made an order we think is good:

  • 5 and 10 times tables first
  • 2 and 4
  • 3 and 6
  • 8, 9 and 11
  • Then 7 and 12

To learn them we thought, these were good steps:

  • Learn the stations
  • Practise writing the times table in order
  • Learn to skip count and use dot patterns to work out the answer
  • Memorise the times tables to answer automatically

We need to learn the first step really well before we step up the ladder so that we don’t end up like Mr Bean on a shoogly ladder!

When it was sunny, we did some of our learning outside in a shady spot!

We also learned a really easy way of tying our laces! We called it a new life hack!

Ag Ithe Biadh Fallain

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith ag ithe biadh fallain agus carson a tha seo cudrothmach airson ar bodhaig agus as n-eanchainn.

A’ coimhead ri diofar dhealbhan, bhruidhinn sinn mu dheidhinn de seòrsa biadh a tha fallainn agus de seòrsa a tha mì-fhallain. Bha e math faicinn beachdan a’ chlann mu dheidhinn dè am biadh a tha math dhut a bhith ag ithe fad na h-ùine, agus dè a tha nas fhearr a bhith ag ithe dìreach cor uair.

A’ cleachdadh graf, roinn sinn na diofar sheòrsaichean bìdh. Chaidh feadhain an cuir eadar an dà roinn air sgàth gun robh a’ chlas a’ smaoineachadh gum biodh iad seo ceart gu leòr an gabhail meadhanach tric.  

Seachdain sa Ghrèin

Abair seachdain thrang sa ghrèin!
 
An-dè, chaidh sinn dhan choille comhla ri Liam airson rudan a thogail airson ‘Taigh-Osda na Biastagan’. Chleachd sinn sàbh gus bamboo a’ ghearradh, agus bha sinn gu math faiceallach. Bha tòrr spòrs againn a-muigh sa ghrèin, agus bha sinn gu math taingeal airson a’ chuideachadh a fhuair sinn bho Liam agus bho mamaidh Leo airson a smuain mhath!
 
 
As deidh àm lunch, chaidh sinn gu Pàirc Pilrig air sgàth ‘s gun d’ fhuair sinn 50 Pom poms. Tha sinn a’ faighinn Pom Poms airson a bhith ag èisteachd agus a’ sealltainn urram. Bha sinn a’ cluich anns a’ phàirc anns a’ ghrèin agus cha robh sinn ag iarraidh fàgail!