3F – 03.05.19

Matamataigs

An t-seachdainn seo, dh’ionnsaich sinn dòigh ùr airson cuir-ris deichean gu furasta le bhith a’ leum ann an deichean.

Cànan

Rinn sinn obair air ar faclan cumanta le bhith a’ cluich gheamanan.

Ionnsaich sinn bàrdachd a’ Mhòid le bhith cruthachadh dràma beag airson gach rann an am buidhnean.

Tete-a-Tetes C3N

Dear parent,

Your child received their tete-a-tetes on Friday.  Could you return the blue folders to school before 31st May.  If your child came home with their target sheet in a poly pocket that means that we did not received the blue tete-a-tete folder from the second term.  I hope you enjoy reading how your child has progressed in term 3.

Miss MacIntyre

Seachdain a’ toiseachadh 29.05.19 – C3N

Cànan

Choimhead sinn air ciamar a bhitheas sinn a’ sgrìobhadh ath-chunntas. Dh’ionnsaich sinn ciamar a sgrìobhadh sinn na fosglaichean ‘An toiseach’an uairsin’ ‘as dèidh sin’ agus ‘mu dheireadh’.

Obair Fonaigs

Bha sinn ag obair cruaidh ann am Fonaigs ag ionnsachadh mu dheidhinn na fuaimean bhl, chl, ghl, shl, chn agus ghn. 

Matamataig

Ann am matamataig an t-seachdain seo, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn luach a rèir àite – mar ceudan, deichean agus aonadan.

Pròiseact

Tha sinn a’ coimhead aig na h-obraichean aig ar parantan agus shaoil sinn mu dheidhinn na h-obraichean cudromach a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh nuair a tha sinn nas sine. Choimhead sinn air bhideothan de dhaoine cudromach.

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn atharrachadh na h-ath thìde cuideachd.

Slàinte is Sunnd

Bha sinn ag radh rudeigin còir ri daoine agus bha sinn a’ coimhead air ciamar a tha sinn mar ùbhlan. Thuirt sinn uile rudan grot ris an t-ubhal agus nuair a ghèarr sinn an t-ubhal bha e donn agus cha robh e a’ coimhead ro mhath mar sin dh’ionnsach sinn ma tha thu ag radh rudeigin grot ri daoine ‘s dòcha gum bidh iad a’ coimhead ceart gu leòr ach ’s dòcha nach eil iad a’ faireachdainn math.

                                              

Spòrs

Bha sinn a’ dèanamh lùth-chleasachd agus a’ ruith rèiseanann am buidhnean. Rinn sinn blathachadh ùr cuideachd.

Ealain

Ann an Ealain bha sinn a’ cur crìoch air an dealbh cearcan againn. Bha sinn a’ coimhead air eadar-fhigheachd. Tha sinn air a bhith a’ dèanamh ‘overlapping’.

Ceòl

Tha sinn cuideachd ag uallachadh airson a’ Mhòid. Tha sinn a’ dèanamh adhartas air ionnsachadh na facail.

Gàrradh Lusan Rìoghail Dhùn Èideann

An t-seachdain seo chaidh sinn air turas gu Gàrradh Lusan Rìoghail Dhùn Èideann . Chaidh sinn a-steach don taigh-ghlainne agus dh’ionnsaich sinn mu na flùraichean a tha a’ fàs sa choille-uisge. Chunnaic sinn tòrr èisg òr agus cat cuideachd! Seall air an spòrs a bha againn nuair a bha sinn a’ feuchainn ri ‘moncaidh’ a shealg!

 

 

Tìr Fantasachd agus na Bhictorianaich

Bha Miss MacConnel còmhla rinn an t-seachdain sa.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn sgoiltean ann an linn Bhictoria. Choimhead sinn air ealain Charles Rennie Mackintosh agus rinn sinn ealain snog. Seall am fear a rinn Saoirse agus Josie.

Mu dheireadh, chuinnaic sinn na h-iseanan bheaga ann an Sgoil Àraich, agus bha iad cho cute!

Fealla-dhà aig Clas 6T

Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil air am modh-obrachaidh sgrìobhaidh airson mìos agus tha a h-uile duine a-nis air an obair aca fhoillseachadh! Bha taghadh aig a’ chlann tiotal a thaghadh a-mach à bhòt nam boireannaich, bhòt na cloinne no co-ionnannachd vs. ceartas. Seall air an sgrìobhadh ìmpidheach mìorbhaileach a rinn clas 6T air ar cuspair deamocrasaidh:

Ann am matamataig, thòisich sinn air àireamhan diùltach agus chruthaich sinn postairean fiosrachail airson ar tuigs’ a sealltainn air far a bheil àireamhan diùltach a’ bualadh air ar beathanan. Thoir sùil air dè cho soirbheachail ‘s a bha na sgoilearan! Tòrr bheachdan inntinneach!

Cuideachd, chaidh clas 6T gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a-rithist an t-seachdain sa airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn ar cuspair ùr, S.T.E.M.

Choisich sinn mun cuairt ann am buidhnean agus fhreagair sinn ceistean air einnseanaireachd a thaobh toglaichean a bharrachd air cheistean saidheans mu siubhal nam speuran.  Mòran taing do na pàrantan a thàinig còmhla ruinn. Chòrd an turas ruinn glan agus sheall clas 6T modh agus urram don h-uile duine ris na choinnich iad. ‘S math a rinn sibh uile!

C5C aig Lùchairt an Ròid

Cha b’ urrainn dhuinn dealbhan a thogail ach taobh a-muigh na lùchairte.

Gu sona, Diciadain, chaidh sinn gu Lùchairt an Ròid (Holyrood Palace) gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh.

Gu mìorbhaileach, chaidh sinn dhan t-seòmar-ionnsachaidh an toiseach, cuideachd bha flùraichean cho àlainn ri bana-phrionnsa ann an gàrradh na Banrìghe!  Mhothaich tè sa chlas gu robh aon chraobh ann a bha a’ coimhead coltach ri caisteal. Continue reading “C5C aig Lùchairt an Ròid”

Turas Sgoile – Gàrraidhean Lusach Rìoghail Dhùn Èideann

Chaidh Clas 4B air chuairt Dimàirt gu na Gàrraidhean Lusach Rìoghail Dhùn Èideann, mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig, a tha ga chumail airson sgoiltean Gàidhlig air feadh Alba.

Choisich sinn ann agus ‘s e fìor dheagh latha a bha ann airson a bhith a’ coiseachd.  An uair a ràinig sinn thachair sinn ri Mark, aig a bheil Gàidhlig, a tha ag obair anns na gàrraidhean.  Rinn sinn toiseach tòiseachaidh ann an ‘Yurt’ agus an uairsin chaidh sinn a-steach do na taighean-glainne far am faca sinn iomadh sheòrsa lus agus flùr. Fhuair sinn a-mach tòrr fiosrachaidh mun choille-uisge agus fhuair sinn cothrom rannsachadh a dhèanamh air mar a bhios lusan a’ choille-uisge a’ dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr uisge aca, ach gun tuit uisge nach eil a dhìth orra air falbh.

Chòrd e riunn a bhith a’ faighinn a-mach mu na diofar lusan a tha a’ toirt thugainn rudan a ghabhas ithe cuideach – leithid banathan, rìs, coco, bhanilla agus ‘bamboo.’  An rud nach do chòrd ri mòran, ’s e cho teth no tais (facal ùr a dh’ionnsaich sinn)  is a bha e anns na taighean-glainne.

Ghabh sinn ar dìnneir agus choisich sinn air ais dhan sgoil.  Chunnaic sinn iomadh seòrsa cù air ar slighe agus chòrd seo riunn gu mòr.     

Mòran taing dha Mamaidh Elliot agus a Bh. Uas. M. NicPhàil a thàinig còmhla riunn air an turas.