MATAMATAIG
Chleachd sinn protractair airson diofar meudan de cheàrnan a chlàradh. Chuir sinn dà phìos sellotape còmhla air an làr airson ceàrn a chruthachadh agus thomhais sinn meud gach ceàrn. An uair sin, air pìos pàipear beag, sgrìobh sinn meud an ceàrn agus an dè seòrsa ceàrn a bh’ ann – mar eisimpleir, ceart-cheàrn.

LITEARRACHD
Dh’ionnsaich sinn an diofar eadar ‘their’, ‘there’ is ‘they’re’. Cuideachd, rinn sinn an aon rud airson ‘where’, ‘were’, ‘wear’ is ‘we’re’. A bharrachd air sin, dh’ionnsaich sinn mar a chleachdas sinn asgair agus mar a tha cuid de dh’fhaclan nas giorra.
SPÒRS
Air Dimàirt, dh’obraich sinn cruaidh a’ glachdadh baton relay san doigh cheart agus sàbhailte airson ar sgioba a chumail luath agus airson a bhith cinnteach nach goirticheadh sinn a chèile.
Air Diardaoin, dh’ionnscaich sinn dhan a’ Bh-uas Nic an t-Sagairt mar a chluicheadh i Quidditch agus an uair sin, chluich sinn gèama mòr.
Air Dihaoine, bha cuid aig cluba ruith far an do rinn iad orienteering. Bha aca ri iantraighean a leantainn gu luath. B’ e rèis agus co-fharpais puingean a bh’ ann.
CUSPAIR
Air Diciadain, chruthaich sinn dens a-mach à stuth bogsa-cluiche. Bha aig na dens a bhith mòr gu leòr airson an sgioba gu lèir fhaighinn a-steach, dionach agus làidir gu leòr gus buille bho chuibhle dubh a sheasamh. Chòrd seo ruin gu mòr oir bha e gu math spòrsail ach, gu mi-fhortanach, dh’fhàs an aimsir gu math fliuch!!

LUACHAN
Chlàr sinn bhideo de dh’òran a sgrìobh sinn mu dheidhinn luachan na sgoile ris an fonn, ‘Shotgun’. Chruthaich sinn cleasan/danns’ airson gach rann. Bha seo spòrsail oir bha a h-uile duine a’ gaireachdainn còmhla!