C2B aig Sgoil Bhictòireanach

Feasgar Diciadain, thionndadh an clas againn gu bhith na chlas Bhictòireanach. Aig toiseach an fheasgar, rinn sinn dà loidhne – aon airson na balaich agus fear eile airson na nigheanan. Nuair a thàinig sinn a-steach dhan t-seòmar bha na buird agus na seathraichean ann an loidheachan cuideachd, le beàrn sa mheadhan, eadar na balaich agus na nigheanan.

Shuidh sinn anns na loidhneachan agus bha na nigheanan agus na balaich sgaipte bho chèile. Rinn sinn làmh-sgrìobhadh air buird dubha agus dh’ionnsaich sinn an clàran uiread dhà. Dh’fheumadh sinn a bhith gu math sàmhach.

An uair sin chaidh sinn a-mach, ann an dà loidhne. Chluich sinn geamannan eadar-dhealaichte. Chluich na balaich le marbharan agus chluich na nigheanan hopscotch. Chan fhaodadh sinn cluich còmhla ri chèile idir.

As dèidh làimh thàinig sinn air ais dhan chlas airson snac a ghabhail. Dh’ith sinn briosgaidean dinnsear agus dh’òl sinn deoch liomaid. Aig deireadh an latha thuirt sinn an ùrnaigh oidhche mus deach sinn dhachaigh.

Bha spòrs againn aig an sgoil Bhictòireanach. Chòrd snac feasgar ruinn gu h-àraidh.

Chun ath-sheachdain,

Clas 2B

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *