3F – 06.06.19

Cànan

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn charactaran agus suidheachaidhean agus chruthaich sinn na suidheachaidhean againn fhèin le bhith cruthachadh cairtean-phuist.

Matamataigs

Rinn sinn barrachd practas le roinneadh ‘s a’ leughadh cheistean a th’ ann an faclan.

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ leughadh griod agus mar a tha sinn a’ sgrìobhadh stiùireadhan airson gluasad mun cuairt griod. Le sin, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cleachdadh BeeBot! As dèidh beagan obair, mhothaich sinn gun urrainn dhuinn stiùireadh a chur a-steach gus am bith na BeeBots uile a’ dèanamh an aon rud agus chruthaich sinn consairt beag. Seo an dannsa a chruthaich sinn le ceòl. Abair spòrs!

Consairt BeeBot:

70911DC7-DD58-40EE-8401-2AA28A34E939

A bharrachd air sin, chuir sinn an eòlas a th’ againn ris an ionnsachadh a rinn sinn ann an cànan agus chruthaich sinn suidheachaidhean ùra airson ar BeeBotan.

Pròiseact

Mu dheireadh, chuir sinn crìoch air ar pròiseact airson duais an Comann Rìoghail Ceilteach – chruthaich sinn dealbh-balla mòr airson na luachan uile a shealltainn.

Cuideachd, bha sinn fortanach gun d’ thàinig mamaidh Maia a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn an obair aice mar sealbhadair taigh-bìdh. Bhruidhinn i mu dheidhinn na sgilean a dh’fheumas i airson a th’ obair agus fhuair sinn cothrom clàr-bìdh ùr a chruthachadh airson clann. Mmm blasta!