Tòrr a’ dol!

 B’ e a’ chiad rud a rinn sinn an t-seachdain seo, spòrs spòrsail le Mgr Vitry.  Mar an t-seachdain sa chaidh bha sinn a’ dèanamh Quidditch.  An àite snac is bainne chunnaic sinn bhideo Harry Potter mu dheidhinn Quidditch a chòrd ris a h-uile duine gu mìorbhaileach!

Gu h-inntinneach bha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn chiad-chobhair.  Tha na clasaichean air a bhith feumail is inntinneach.  An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh dè nì sinn taobh a-muigh na sgoile ma chì sinn cuideigin a tha feumach air cuideachaidh, a-nis faodaidh sinn an cuideachadh oir tha sinn eòlach air ciamar a chùmas sinn sinn fhèin sàbhailte, mar a chuireas sinn fios gu 999 agus cuin is ciamar a chuireas tu cuideigin anns an Recovery Position.

Gu fortanach bha Mgr Allan a’ tighinn a-steach a-rithist a dhèanamh geama coding còmhla ruinn air Pyonkee ach, gu mì-fhortanach, cha do chuir sinn  crìoch air.  Nach buidhe dhuinn gu bheil e am beachd a bhith an seo a-rithist an ath Dhimàirt.

Gu mìorbhaileach, ùine air ais rinn sinn fiolm mu dheidhinn Màiri Banrigh na h-Alba gu h-inntinneach, Diardaoin, chunnaic sinn e aig Premiere sa sgoil. A bharrachd air a sin fhuair na daoine a rinn e teisteanasan spaideil.

Ann an ealain Diardaoin  bha an tidsear ùr againn, a’ Bh-uas NicConnail. Tha i cho spòrsail. Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn na faireachdainnean againn an uair sin taghadh dè na dathan a chleachdadh sinn.

Gu spòrsail, rinn sinn stop-motion còmhla ris a’ Bh-Uas. Hoy  agus bha sinn a’ cur crìoch air an film againn airson a’ cho-fharpais – ‘s dòcha gum buannaich sinn £100!

Gu brònach, tha a’ Bh-uas NicLeòid a’ falbh oir tha i a’ dol  a’ leigeil dhi a dreuchd.  Bidh pàrtaidh againn air a son!

Dèan check gu bheil i unconcious ach fhathast a’ gabhail anail.
Lorg sinn casualty!
D Danger​ R Response ​ A Airways​ B Breathing​ ​Recovery Position​ 999
Tha i a-nis anns an Recovery Position is Airways aice fosgailte – cuir fios gu 999.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *