C3N – Pròiseact

An teirm seo tha sinn air a bhith trang ag obrachadh air am pròiseact againn – ‘Obraichean’.  Tha sinn cho toilichte gun d’fhuair sinn cothrom bruidhinn ri pàrantan a thàinig a-steach dhan na clasaichean.  Sheall iad dhuinn dè bhitheas iad a’ dèanamh anns an obair làitheil aca is dè na sgilean a dh’fheumas iad.  Taing gu mamaidh Maia is mamaidh Polly, cuideachd gu dadaidh Mateo.