3F – 21.06.19

Litearrachd

Tha sinn air a bhith ag obair cruaidh a’ sgrìobhadh stòiridhean Mgr. Duine, cuiridh sinn crìoch orra an ath sheachdainn. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith gan toirt dhachaigh!

Matamataigs

Ionnsaich sinn mu dhèidhinn bloighean agus chruthaich sinn piotsathan blasta a-mach à pàipear le diofar bloighean de ‘toppings’ airson a’ sealltainn na ionnsaich sinn.

Eile

Choinnich sinn ris ar tidsearan airson an ath bhliadhna. Chruthaich sinn iteileagan airson a’ sealltainn beagan mu ar dèidhinn agus na tha an sgoil a’ ciallachadh dhuinn.

Chaidh sinn air turas dhan Fèill Aiteachais Rìoghail. Abair gun robh e sgoinneil! Chunnaic sinn gobhairean, eich agus feireadan agus ionnsaich sinn mu dhèidhinn meanbh-bhiastagan. Cuideachd, choinnich sinn ri daoine a dh’ innis dhuinn beagan mun obair aca, a bha cuideachd a’ bruidhinn Gàidhlig.

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *