Spàinntis
Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn diofar chultaran is na diofar dùthchannan a tha a’ bruidhinn Spàinntis. Seo feadhainn de na h-àitichean – Cuba, Chile, Mexico, Argentina is Costa Rica.
Cànan
Bha Mgr Nethercutt còmhla rinn air Diciadain. An t-seachdain seo chruthaich sinn liosta de dhiofar sheantansan mu dheidhinn diofar sheòrsaichean de bhiadh.
Spòrs
Ann an spòrs le Mgr Vitry bha sinn a’ cluich hocaidh. Tha hocaidh a’ còrdadh rinn.
Cuspair
‘S Alba Àlainn an cuspair a th’ againn an-dràsta. Bhruidhinn sinn mar chlas agus dh’obraich sinn a-mach dè bha sinn ag iarraidh ionnsachadh. Chruthaich sinn taisbeanadh agus dh’íonnsaich sinn mu dheidhinn Naomh Anndra an naomh nàiseanta againn is carson tha crann na h-Alba air a sgeadachadh mar :
Rinn sinn na brataich againn fhìn. Smaoinich sinn air dè tha Alba a’ ciallachadh dhuinne. Chan eil iad uile deiseil fhathast ach cuiridh sinn dealbhan suas an ath sheachain.
Choimhead sinn air eachdraidh breacan agus chruthaich sinn ar breacain fhèin. Coimhead air iad seo!
Matamataig
Bha sinn ag obrachadh air cuir-ris ann an deichean is ceudan. Dh’ìonnsaich sinn ciamar a bhitheas sinn a’ sgrìobhadh a-mach gach freagairt gu sgiobalta. Thòisich sinn ri bhith a’coimhead air alegbra le Dòtair Jones.
Ceòl
Choinnich sinn le an tidsear ùr againn – a’ Bh-uas Fee. Dh’íonnsaich sinn òrain bho Africa is Jamaica. Bha sinn a’ dannsa ri beum. Bha sinn cuideachd a’ dèanamh geamanan ruitheam Kodaly – ta is te-te.
Airson spòrs
Gach seachdain cuiridh sinn fealla-dhà an seo is gach Diluain gheibh sibh a-mach am freagairt.
C: Why do fish live in salt water?
Fuirich gu Diluain airson am freagairt.
: )