Hallo!
An t-seachdain-sa, bha sinne ann an 3F trang ag ionnsachadh tòrr!
Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar dhaoine à Alba a tha ainmeil ann an spòrs. Mar eisimpleir, Chris Hoy agus Andy Murray. Smaoinich sinn mu dheidhinn na h-adhbharan a tha sinne gu bhith nar Albanaich ainmeil aon latha.
Chruthaich sinn dìneasaran a’ cleachdadh cumaidhean- nach iad a tha eagalach!
An t-seachdain sa chaidh, rinn sinn flùraichean snog a’ sealltainn na riaghaltean againn. Tha sinn math air a bhith gan leantainn!
Mar sin leat an-dràsta!
Clas 3F