An t-seachdain seo, tha sinn air a bhith a’cruthachadh cruthan cruthachail. Chleachd sinn teip agus sràbhan. Bha sinn a’ faireachdainn cruthachail agus pròiseil. A-nis tha fios againn air taobhan, oirean, puingean agus aodannan air na cruthan. Tha ciùban, ciùbachan agus pioramaidan ann. Seall air an obair chruaidh againn!
Air Diardaoin bha sinn a’ dèanamh dreach de chomic agus bha sinn a’ dèanamh mapa-eanchainn mu dheidhinn Uilleam Againne (Oor Wullie sa Ghàidhlig) agus an ath sheachdain bidh sinn a’ dealbhadh comic dhuinn fhèin.
Cuideachd, air Diardaoin, chaidh sinn a dh’fhaicinn dealbh-chluich mu dheidhinn ath-cuairteachadh. Bha e gu math èibhinn!